Tha mi dol a sheinn; tha mi dol a dhèanamh dealbh; tha mi dol ga dhèanamh
Gnìomh
Buailibh ur basan!
A h-uile duine a’ suidhe ann an cearcall. Taghaidh an tidsear cuspair (me tuathanas, pàirc, soircas, an cladach).
Canaidh a h-uile duine, “Tha mi dol a dh’fhaicinn…” agus buailidh a h-uile duine am basan 3 tursan agus feumaidh an sgoilear freagairt a ràdh air a’ cheathramh buille.
Chan fhaod iad freagairt a ràdh a chaidh a ràdh mu thràth.