Skip to content

Obair ìre T

A bheil thu deiseil? Tha; An robh thu ann. Cha robh; Am bi thu an seo aig a sia? Cha bhi; An do rinn thu d’ obair. Rinn; An cuir mi dheth na solais? Cha chuir; An e Iain a thuirt sin? Chan e; An ann air a’ bhus a thàinig thu? Chan ann; Am b’ ann riutsa a bha e a’ bruidhinn. Cha b’ ann; An urrainn dhut mo chuideachadh? Chan urrainn

Gnìomh

Teadaidh bochd
Seall teadaidh dhaibh. Inns dhaibh nach eil e a’ tuigsinn Beurla idir. Tha e brònach agus tha bann air. Chan eil e ag iarraidh bruidhinn mu dheidhinn na thachair dha ach tha e ag iarraidh gum bi fios aig a’ chloinn gus nach tachair an aon rud dhaibhsan. Freagraidh e ceistean na cloinne.
me

  • An do thuit thu?
  • An do bhreab cuideigin thu?
  • An do ghoirtich thu dad eile?
  • An do bhris thu rudeigin? msaa

Ma tha na sgoilearan a’ dèanamh mhearachdan le na ceistean, cuiridh an tidsear a’ cheist cheart air teadaidh agus innsidh e/i dhaibh am freagairt.

Bhiodh seo freagarrach airson sàbhailteachd a theagasg, me sàbhailteachd anns an raon-chluiche: na tilg clachan, na cluich le ball faisg air rathad.

 

Leudachadh
Faodaidh a’ chlann cothrom fhaighinn bruidhinn ri teadaidh le na sgeulachdan aca fhèin.

 

Ball
Cuir tòrr cheistean air ball mòr (tha feadhainn bhàn ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball £4.99) agus cuir timcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a’ cheist as fhaisge air an òrdaig chlì aca a fhreagairt.  Sgrìobh measgachadh cheistean air airson ath-sgrùdadh a dhèanamh.
me

A bheil bràthair agad?
Am bi thu cuideachadh do mhàthar aig an taigh?
An robh thu riamh air plèana?
An do dhoirt thu bainne anns a’ mhadainn?
An ann air a’ bhus a thàinig thu an-diugh?
An urrainn dhut snàmh?
msaa

 

Poca làn cheistean
Sgrìobh sìos tòrr cheistean air pìosan beaga pàipeir agus cuir iad ann am poca. Aig àm cearcaill, cuir timcheall am poca agus feumaidh a’ chlann na ceistean a fhreagairt.

Dh’fhaodadh seo a bhith co-cheangailte ri cuspair air a bheil sibh ag obair no togail air rudan a tha tachairt anns an raon-chluiche.
me

“An robh thu riamh aonaranach aig àm-cluiche?”
“Am bi thu a’ cluich còmhla ri daoine a bhios a’ suidhe air a’ bheing càirdeis? (Àite far an tèid clann nuair a tha iad aonaranach. Ma tha sgoilearan a’ faicinn duine na shuidhe an sin, iarraidh iad orra cluich còmhla riutha.)
msaa

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024