A bheil thu deiseil? Tha; An robh thu ann. Cha robh; Am bi thu an seo aig a sia? Cha bhi; An do rinn thu d’ obair. Rinn; An cuir mi dheth na solais? Cha chuir; An e Iain a thuirt sin? Chan e; An ann air a’ bhus a thàinig thu? Chan ann; Am b’ ann riutsa a bha e a’ bruidhinn. Cha b’ ann; An urrainn dhut mo chuideachadh? Chan urrainn
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Cuir suas aon cheist air a’ bhòrd dhubh gach madainn a thogas beagan deasbad. Airson 10 mionaidean, a’ chiad rud sa mhadainn, dèanaibh beagan còmhraidh mu dheidhin na ceist. Tha seo math airson sgilean smaoineachaidh, agus tha iad a’ tòiseachadh an latha a’ smaoineachadh anns a’ Ghàidhlig.
Tagh ceistean a rèir ìre a’ chlas.
me
A bheil thu fortanach? Carson?
Am bu thoigh leat a bhith ainmeil? Carson? Ainmeil airson dè?
Càit an dèidheadh tu air saor-làithean nam b’ urrainn dhut àite sam bith air an t-saoghal a thaghadh? Carson?
Dè as fheàrr, madainn no oidhche? Carson?
A bheil cogadh ceart uair sam bith? Carson?
An robh Gordon Brown ceart … a dhèanamh? Carson?
An toigh leat a bhith nad aonar? Carson?
An urrainn do dhuine sam bith a bhith an-còmhnaidh ceart? Carson?
Dè chanas iad?
Cleachd Audacity airson ceistean agus freagairtean a chlàradh air a’ choimpiutair. Iarr air na sgoilearan èisteachd ris na ceistean. Stad an clàradh agus iarr air a’ chloinn sgrìobhadh sìos ciamar a tha iad a’ smaoineachadh a thèid na ceistean a fhreagairt agus adhbhar air an son.
Faodaidh tu seo a chleachdadh airson leudachadh air Cluedo ann an Aonad 5A far a bheil am poileas a’ ceasnachadh gach duine a tha fo amharas.
Anns a’ chùirt
Cleachd caractaran bho dhiofar sgeulachdan: bidh sgeulachdan traidiseanta ag obair uabhasach math airson a’ ghnìomh seo. Tha an tidsear na breitheamh ann an cùirt agus tha na sgoilearan nan caractaran bhon sgeulachd. Bidh an tidsear a’ faighneachd measgachadh de cheistean.
me
“Goldilocks, inns an fhìrinn, an robh thu riamh ann an taigh nam mathan?”
“Mamaidh mathan, an tàinig thu dhachaigh aig 3 uairean feasgar?”
msaa
Gnìomhan
Ball
Cuir tòrr cheistean air ball mòr (tha feadhainn bhàn ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball £4.99) agus cuir timcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a’ cheist as fhaisge air an òrdaig chlì aca a fhreagairt. Sgrìobh measgachadh cheistean air airson ath-sgrùdadh a dhèanamh.
me
A bheil bràthair agad?
Am bi thu a’ cuideachadh do mhàthar aig an taigh?
An robh thu riamh air plèana?
An do dhoirt thu bainne anns a’ mhadainn?
An ann air a’ bhus a thàinig thu an-diugh?
An urrainn dhut snàmh?
msaa
Poca làn cheistean
Sgrìobh sìos tòrr cheistean air pìosan beaga pàipeir agus cuir iad ann am poca. Aig àm cearcaill, cuir timcheall am poca agus feumaidh a’ chlann na ceistean a fhreagairt.
Dh’fhaodadh seo a bhith co-cheangailte ri cuspair air a bheil sibh ag obair no togail air rudan a tha tachairt anns an raon-chluiche.
me
“An robh thu riamh aonaranach aig àm-cluich?”
“Am bi thu a’ cluich còmhla ri daoine a bhios a’ suidhe air a’ bheing càirdeis? (Àite far an tèid clann nuair a tha iad aonaranach. Ma tha sgoilearan a’ faicinn duine na shuidhe an sin, iarraidh iad orra cluich còmhla riutha.)
msaa
Cothroman tar-churraicealaim
Cruinn-eòlas/eachdraidh/creideamh/cànan/dràma
Hotseat
Faodaidh tu cleachdadh caractar à eachdraidh no bho sgeulachd no bho dhùthaich eile, a rèir dè an cuspair air a bheil iad ag obair, agus tagh cuideigin gu bhith na charactar. Faodaidh tu ‘prop’ air choreigin a thoirt dhaibh a tha co-cheangailte ris a’ charactar.
Faodaidh a’ chlann ceist sam bith fhaighneachd dhaibh mu dheidhinn am beatha agus rudan a thachair dhaibh.
Feumaidh an sgoilear freagairt mar an caractar, me “Chuala mi … agus bha an t-eagal orm”
Am ball criostal
Dèan suas liosta de cheistean airson na cloinne mu dheidhinn dè tha a’ dol a thachairt tron t-seachdain. Faodaidh tu ceistean a chur ann mun cheannard agad, tidsearan eile, daoine ainmeil msaa. Feumaidh a’ chlann na ceistean a fhreagairt agus aig deireadh na seachdain, thoir sùil air na freagairtean agus chì thu cò bha ceart!
me
An cuir Mr Mackay brògan donn air Diciadain? ______________ (Cuiridh/cha chuir)
An òl Mrs Maciver cupa cofaidh Dimàirt aig àm-cluiche? _________ (Olaidh/ chan òl)
Am fàg duine sam bith bogsa-bìdh anns an t-seòmar-bìdh Dihaoine? ____________ (Fàgaidh / chan fhàg)
An cuir Cheryl Cole dreasa dubh oirre oidhche Shathairne air an X-Factor? ________
(Cuiridh / cha chuir)
msaa