Air beulaibh, air cùlaibh, airson; am measg, an àite, an dèidh; às dèidh, mu choinneamh; mu dheidhinn, os cionn, ri taobh; air beulaibh an taighe; air cùlaibh na sgoile; air mo chùlaibh, os do chionn; nad àite
Gnìomh
Loidhne Dhèideagan
Cuir a-mach trì no ceithir de dhèideagan. Iarr air aon sgoilear na dèideagan a ghluasad, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
“Cuir an rabaid air cùlaibh na luchaig, agus cuir an losgann air beulaibh na luchaig.”
Falach fead
(air cùlaibh, air beulaibh, mu choinneamh, os cionn, ri taobh)
Feumaidh a’ chlann an sùilean a dhùnadh. Cuir teadaidh no dèideag ann an àite caran follaiseach anns a’ chlas. Feumaidh a’ chlann an sùilean fhosgladh agus coimhead airson an teadaidh.
“Chì mi an teadaidh. Tha e air beulaibh a’ bhùird.”
“Tha e ri taobh an t-sèithir agam.”
Leudachadh
Falaich e ann an àite nas doirbhe. Tagh dithis airson an teadaidh a lorg. Faodaidh tu cuideachadh a thoirt dhaibh, me “tha e air cùlaibh rudeigin dubh.”
Càit a bheil thusa?
Geàrr a-mach dealbh de gach sgoilear. Cuir iad ri chèile agus cuir iad suas air a’ bhalla còmhla ri dealbhan de charactaran bho leabhraichean leughaidh, no rionnagan pop, cluicheadairean ball-coise agus a leithid. Faighnich dha na sgoilearan ceistean mar a leanas.
“Càit a bheil Anna?”
“Tha Anna air mo chùlaibh.”
“Tha i air mo bheulaibh.”
“Chan eil Harry Potter faisg orm.”
Dèan cairtean a bhios a’ ràdh, me
“Tha mi air cùlaibh Iain, tha Màiri ri mo thaobh agus chan eil Seumas faisg orm. Cò mi?”
Cothroman tar-churraicealaim
Matamataig
Loidhne Àireamhan
Seasaidh sianar air beulaibh a’ chlas, a’ cumail chairtean le 0-5 orra air am beulaibh. Can rudan riutha mar:
“Àireamh 5, seas ri taobh àireamh 2.”
“Àireamh 0, seas ri taobh àireamh 1.”
An uair sin faighnich ceistean dhan chlas mar:
“Càit a bheil àireamh 2?”
“Tha e ri taobh àireamh 1.”
“Tha e ri taobh àireamh 4” agus msaa
Iarr air a’ chloinn tionndadh cairteal a’ chearcaill gus am bi iad air beulaibh a chèile agus gum bi an cliathaich ris a’ chlas.
“Càit a bheil àireamh 3?
“Tha e air beulaibh àireamh 2.”
“Tha e air cùlaibh àireamh 0.”
“Tha e air mo chùlaibh.”
msaa
Faodaidh tu seo a dhèanamh le litrichean na h-aibidil cuideachd.
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Cat ri taobh an teine
Bus na sgoile (ri mo thaobh)
Tro na flùraichean (air mo chùlaibh)