Aig, air ; do/dha/don/dhan/a/a dh’; de/den/dhen/a/a dh’; fo/fon, bho/ bhon/o/on; ro/ron, tro/tron; mu/mun, gu/gun; à/às, ann an/ anns/sa/san; le/leis, ri/ris; gun, mar, eadar, seach, ach; thar, rè, chun
Taisbeanadh
Airson sealltainn do na sgoilearan dè bhios a’ tachairt nuair a tha faclan mar air, aig, gu, à, ann an/am, le, ri, do, de, fo, bho, ro, tro, mu, mar msaa a’ tighinn roimhe, bhiodh e math taisbeanadh a dhèanamh airson a’ bhalla.
Thoir camara didsiotach do bhuidheann de sgoilearan. Feumaidh iad dealbhan a thogail timcheall a’ chlas/na sgoile, a’ sealltainn far a bheil rudan, a’ cleachdadh dèideag no a leithid gus am bi e spòrsail dhaibh. me sa chraoibh, aig an uinneig, sa chathair, aig an t-sruth.
Cuir suas na dealbhan air a’ bhalla le seantans, a’ sealltainn mar a bhios na faclan ag atharrachadh.