Aig, air ; do/dha/don/dhan/a/a dh’; de/den/dhen/a/a dh’; fo/fon, bho/ bhon/o/on; ro/ron, tro/tron; mu/mun, gu/gun; à/às, ann an/ anns/sa/san; le/leis, ri/ris; gun, mar, eadar, seach, ach; thar, rè, chun
Gnìomh
Dealbhan
Tagh dealbhan a-mach à catalog de dhiofar sheòmraichean. Dèan beagan còmhraidh air càit a bheil na diofar rudan, me “Càit a bheil an lampa?” “Tha e air a’ bhord”.
Iarr air a’ chloinn dealbhan a thoirt a-steach de sheòmar anns an taigh aca fhèin. Faodaidh iad innse dhan chlas càit a bheil a h-uile rud.
Cuir an teadaidh…
A’ suidhe ann an cearcall, le dèideag airson gach sgoilear (tha na mathain bheaga phlastaig math airson seo). Iarr orra rudan a dhèanamh, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me “Cuir an teadaidh air do cheann” no “eadar thu fhein ’s do nàbaidh” msaa.
Nuair a tha iad comasach gu leòr air seo a dhèanamh, feumaidh iadsan na h-òrdughan a thoirt seachad.
Cothroman tar-churraicealaim
Cleasachd
Twister
Cluich an geama ‘Twister’.
“Cuir do làmh chlì air buidhe.”
“Cuir do chas chlì air gorm.”
msaa