Mineachadh
Pàirt 2: leis an alt, toiseach fhaclan
Far a bheil an t-alt (am/an/a’/an t-/na) a’ dol le facal, gheibhear na pàtrain a leanas. Anns a’ chuid mhòr de shuidhichidhean, tha an t-alt a’ tionndadh gu a’ an àite an/am agus tha toiseach an fhacail (agus toiseach fhaclan a tha tighinn às an dèidh) ag atharrachadh:
- air a’ bhòrd dhubh (fireannta), leis a’ bhriosgaid mhilis (boireannta).
Chan eil toiseach fhaclan a’ tòiseachadh le d, t, l, n, r, sg, sm, sp, st ag atharrachadh (ach tha toiseach fhaclan mar mòr no ceart nuair a tha iad a’ tighinn às an dèidh):
- aig an doras mhòr, anns an spot cheart.
Tha an air a chleachdadh an àite a’ le faclan a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù. Tha faclan a’ tòiseachadh le f no fr a’ leantainn an aon phàtrain:
- aig an abhainn dhomhainn (boireannta), air an eilean bheag (fireannta)
- leis an fheadan, anns an fhraoch.
Tha faclan a’ tòiseachadh le s + a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù (sèithear, seacaid) agus faclan le s + l/n/r (sleids, sruthan) a’ leantainn a’ phàtrain a leanas:
- air an t-sèithear (mhòr), anns an t-seacaid (bhuidhe), aig an t-sruthan (bheag).
Tha riochdan àraidh ann de do/dha, de/dhe, fo, bho/o, ro, tro, mu a tha a’ crìochnachadh le –n agus a tha air an cleachdadh le faclan+an t-alt (am baile, an sruth):
- don bhaile (mhòr), dhan chlas, fon bhòrd, tron fhraoch, tron t-sruth.
Tha riochdan àraidh ann de à, ann an, le, ri a tha a’ criochnachadh le –s agus a tha air an cleachdadh le faclan+an t-alt (an càr, an t-òrd):
- anns a’ chàr/sa chàr/san abhainn, leis an òrd (mhòr), ris a’ chù (chaol).
Tha ann a’ dol le mo, do, a, ar, ur, an/am gus na riochdan seo a dhèanamh:
- nam/na mo, nad/na do, na, na/na h-, nar, nur, nan/nam.
- Tha mo leabhar nam/na mo bhaga. Carson nach eil thu nad shuidheachan?
[Tha às air a chleachdadh an àite à ro mo, do, a, ar, ur, an/am agus, uaireannan, ro ainmean-àite a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù: às mo làmhan, às Ameireaga. Tha ann an/am uaireannan a’ dol gu an no am: Bha sinn an Glaschu. Tha ris, anns air an cleachdadh ro gach: ris gach duine, anns gach àite. Chan eil t/d ag atharrachadh às dèidh don, fon, on, tron, mun: don taigh, mun doras. Uaireannan, tha a’ a’ tighinn às dèidh don, fon, bhon/on, ron, tron, mun, gu h-àraidh ann an còmhradh: dhan a’ bhùth, fon a’ bhòrd. Tha anns a’ mar as trice ga ghiorrachadh gu sa/san: Cha robh duine sa bhùth ach mi fhèin, Tha am biadh san àmhainn] Chan eil an t-alt no toiseach facail ag atharrachadh le gun, mar, eadar, seach, ach:
- gun an càr, mar a’ ghrian, (rud sam bith) seach an t-seacaid sin, mar na coin, a h-uile duine ach am bodach.
Tha am pàtran a leanas a’ tighinn às dèidh thar, rè, chun:
- thar na mara, re na h-òidhche, chun na gealaich, chun a’ bhus.
Ma tha facal a’ seasamh airson còrr is aon de rud (caileagan, bodaich), chan eil an t-alt (na/na h-) no toiseach an fhacail ag atharrachadh ach às dèidh thar, rè, chun:
- do na bodaich, ris na caileagan, dha na h-eòin.
- thar nam beanntan, rè nan lathaichean, chun nam balach.
Ma tha faclan leithid mosach no caol a’ tighinn às dèidh an fhacail, tha iad ag atharrachadh às dèidh an riochd le i (bodaich) ach chan eil as dèidh an riochd le –an (caileagan):
- do na bodaich mhosach, ris na caileagan caola.