Skip to content

Faclan gun an t-alt

Mineachadh

Pàirt 1: faclan gun an t-alt

Nuair nach an t-alt (am/an/a’/an t-/na) le faclan, chan eil iad ag atharrachadh às dèidh:

  • aig, air, gu, à, ann an/am, le, ri, eadar, seach, ach, thar
  • air leac, air balla, ri Calum, eadar mùir is tìr, aig cèilidhean, ri balaich

Tha toiseach fhaclan ag atharrachadh, ge-tà, às dèidh:

  • do, de, fo, bho, ro, tro, mu, gun, mar
  • do Mhàiri, de chàise, tro choille, ro Dhiluain, gun chòta, mar shaighdearan.

Chan eil toiseach fhaclan a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù ag atharrachadh às dèidh fo, bho, ro, tro, mu, gun, mar ach tha dh’ a’ tighinn às dèidh do agus de:

  • fo uinneag a’ chidsin, ro Anna, gun uisge.
  • do dh’Anna, (gu leòr) de dh’ùine

Tha am pàtran àbhaisteach air a chleachdadh le faclan mar mòr, beag, math:

  • Anna Bheagri Anna Bheag (boireannta)
  • Calum Beag ri Calum Beag (fireannta).

[Uaireannan (gu h-àraidh ann an còmhradh) tha a/a dh’ air a chleachdadh an àite do no de: (dol) a Ghlaschu, a dh’Ameireaga, a dh’Anna, (tòrr) a dhaoine, (ro bheag) a dh’ùine. Ann an cuid de sgìrean tha dha air a chleachdadh an àite do. Chan eil toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh dha: (preusant) dha Dòmhnall agus dha Màiri.]

Air ais gu Aig, air, do, fo, à/às, thar

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024