Agam/agad/aige/aice/againn/agaibh/aca; annam/annad/ann/innte/ annaibh/annaibh/annta; asam/asad/as/aiste/asainn/asaibh/asta; bhuam/uam/bhuat/bhuaithe/bhuaipe/bhuainn/bhuaibh/bhuapa; dhìom/dhìot/dheth/dhith/dhinn/dhibh/dhiubh;
Gnìomh
Teanas
Gus an ionnsaich na sgoilearan dè am facal a thèid a chleachdadh airson nan suidheachaidhean diofraichte, ionnsaich dhaibh na pàidhrichean fhaclan a leanas.
|
Mi |
thu |
e |
i |
Sinn |
sibh |
iad |
|
| Aig | agam | agad | aige | aice | Againn | agaibh | aca |
| Air | orm | Ort | air | oirre | Oirnn | oirbh | orra |
| Do | dhomh | dhut | dha | dhi | Dhuinn | dhuibh | dhaibh |
| De | dhìom | dhìot | dheth | dhith | Dhinn | dhibh | dhiubh |
| bho/o | bhuam/uam | bhuat | bhuaithe | bhuaipe | Bhuainn | bhuaibh | bhuapa |
| Ro | romham | romhad | roimhe | roimhpe | Romhainn | romhaibh | romhpa |
| Tro | tromham | tromhad | troimhe | troimhpe | Tromhainn | tromhaibh | tromhpa |
| Mu | umam | umad | uime | uimpe | Umainn | umaibh | umpa |
| Gu | thugam | thugad | thuige | thuice | Thugainn | thugaibh | thuca |
| À | asam | asad | às | aiste | Asainn | asaibh | asta |
| Le | leam | leat | leis | leatha | Leinn | leibh | leotha |
| Ri | rium | riut | ris | rithe | Rinn | ribh | riutha |
| Eadar | Eadarainn | eadaraibh | eatarra |
Airson teanas a chluich, bidh na sgoilearan ag obair còmhla ri caraid air pàtran sònraichte, me am pàtran aig, canaidh a’ chiad sgoilear “mi” agus feumaidh an dara sgoilear “agam” a ràdh cho luath ‘s as urrainn dhaibh.
Cothroman tar-churraicealaim
Matamataig
Feumaidh na sgoilearan sgrùdadh a dhèanamh gus clàr mar seo a lìonadh.
An toigh leat…..?
|
Leis |
Leatha |
Leinn |
Leotha |
|
| Isbeanan | Alasdair | Sìne | Mise agus Darren | Màiri agus Pòl |
| Càl | ||||
| Curran | ||||
| Cearc | ||||
| Peur | ||||
| Ugh |
Ceòl
Chì mi bhuam
Chì mi bhuam, fada bhuam
Chì mi bhuam ri muir-làn
Chì mi Muile nam beann fuar
Fada bhuam thar an t-sàil
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi mullach nam beann mòr
Anns an òg-mhadainn àigh
An t-aon as àirde dhiubh nan còrr
‘S badan ceò air a bàrr
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi a’ ghucag air an fhraoch
Chì mi ‘n caorann fo bhlàth
Chì mi uisge glan nam beann
Tigh’nn na dheann leis gach màm
Fada bhuam thar an t-sàil.
Tir a’ bharraich, tìr nan stuagh
‘S tric a luaidh ort na bàird;
‘S nuair a thug mi riut mo chùl
Rinn mi dùsgadh gu dàn
‘S bidh mi luaidh ort gu bràth.