Tha criogaid nas fheàrr na ball-coise; nas motha, nas lugha, nas fhasa; nas miosa, nas luaithe, nas gile; ‘s e Màiri as fheàrr air seinn
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Dh’fhaodadh iad bruidhinn mu dhiofar rudan no mu dhealbhan a bheir iad fhèin a-steach leotha.
me
Faodaidh iad uile teadaidh a thoirt a-steach airson gailearaidh nan teadaidhean a dhèanamh! Faodaidh sibh tòrr còmhraidh a dhèanamh a’ cleachdadh ‘nas motha’, ‘as lugha’, ‘as sine’, ‘nas òige’ msaa.
Gnìomhan
Cuir am falach!
Feumaidh aon sgoilear a dhol a-mach às an t-seòmar agus feumaidh sgoilear eile dèideag (no rudeigin mar sin) a chur am falach an àiteigin anns a’ chlas. Bidh fios aig càch far bheil e. Nuair a thilleas a’ chiad sgoilear, feumaidh e an dèideag a lorg. Bidh càch a’ cuideachadh le bhith ag ràdh “nas teotha” no “nas fhuaire”.
Nas fhaide/nas giorra
Cuir sràbhan de mheudan eadar-dhealaichte ann am poca. Seall dhan sgoilear meud aon shràbh agus can ris fear eile a lorg den aon mheud.
Togaidh e aon phìos a-mach agus innsidh e cò ris a tha e coltach an taca ris a’ phìos a chaidh a shealltainn dha mar-thà, a’ cleachdadh fhacail mar ‘nas fhaide’, ‘nas giorra’, ‘an aon rud’ msaa.
Cothroman tar-churraicealaim
Cleasachd
Geamannan Oilimpigeach
Faodaidh tu gnìomhan beaga a chur air dòigh stèidhichte air na Geamannan Oilimpigeach airson còmhradh a bhrosnachadh.
Faodaidh tu gnìomhan a dhèanamh mar:
Leum fada (Nas fhaide, nas giorra, as fhaide, as giorra)
Rèis 100m (Nas luaithe, nas slaodaiche, as luaithe, as slaodaiche)
Leum àrd (Nas àirde, nas ìsle, as àirde, as ìsle)
msaa
Clàraich na toraidhean agus faodaidh sibh bogsaichean 1, 2 agus 3 fhaighinn airson na buinn a thoirt seachad.
Bhiodh e math dealbhan a thogail agus leabhar/Comic strip/grafan/Powerpoint a dhèanamh.
Matamataig
Dè tha anns a’ bhogsa?
Dèan suas dà bhogsa de diofar chuideamam. Feumaidh aon sgoilear na dhà dhiubh a thogail agus smaoineachadh dè am bogsa as truime. Coimhead air dè tha na bhroinn agus can…
“Tha … nas truime na …” no
“Tha … nas aotruime na…”
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Tha mise nas motha na
Tha an tidsear fiadhaich an-diugh (nas fheàrr)