Tha criogaid nas fheàrr na ball-coise; nas motha, nas lugha, nas fhasa; nas miosa, nas luaithe, nas gile; ‘s e Màiri as fheàrr air seinn
Gnìomh
Gnìomhan
Meallaidhean-sùla
Cleachd goireasan air an eadar-lìon airson meallaidhean-sùla a lorg. Tha tòrr ann a tha freagarrach airson a’ phàtrain seo as urrainn dhut a chur suas air a’ bhòrd gheal.
me
Coimhead air na puingean anns a’ mheadhan. Dè am fear as motha?
Freagairt: Tha iad an aon mheud ach tha do shùilean a’ cleachdadh nam puingean eile airson coimeas a dhèanamh.
Dè an loidhne as fhaide?
Freagairt: Tha iad an aon fhaid.
Na toglaichean as àirde air an t-saoghal
Thoir dealbhan dhan a’ chloinn de chuid de na toglaichean as àirde air an t-saoghal. Feumaidh na sgoilearan na dealbhan a chur ann an òrdugh, bhon fhear as giorra chun an fhir as àirde.
Faodaidh na sgoilearan rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach dè cho àrd ’s a tha iad. An robh iad ceart? An do chuir càil iongnadh orra?
Leabhar Clàran an t-Saoghail le Guinness
Tha tòrr chothroman an seo pàtran na seachdain a chleachdadh.
Faodaidh na sgoilearan rannsachadh a dhèanamh ann an Leabhar Clàran an t-Saoghail no air an eadar-lìon airson fiosrachadh inntinneach fhaighinn a-mach.
Bhiodh e inntinneach Powerpoint a dhèanamh mar chlas, gach sgoilear a’ dèanamh duilleag fa leth.