Balach beag, nighean mhòr; leis a’ bhalach bheag, anns a’ bhùth mhòir; earball a’ chait chaoil; ri taobh na h-uinneig bhig/na h-uinneige bige; caileagan mòra, balaich bheaga
Gnìomhan
Tha sin nas inntinniche!
Dèan suas paragraf gun bhuadhairean ann idir no cleachd pìos a-mach à leabhar leis na buadhairean air an toirt a-mach. Feumaidh na sgoilearan am pìos sgrìobhaidh a dhèanamh nas inntinniche le bhith a’ cleachdadh bhuadhairean a tha freagarrach.
Bhiodh e math aon eisimpleir a dhèanamh air a’ bhòrd gheal còmhla agus, an uair sin, faodaidh na sgoilearan obrachadh còmhla ri caraid air paragraf eile.
Ma tha thu a’ cleachdadh pìos a-mach à leabhar, faodaidh tu sealltainn dhaibh na buadhairean a chleachd an sgrìobhadair aig an deireadh. A bheil iad a’ cur iongnadh air a’ chloinn?
Buadhairean
|
blasta |
mòr |
domhainn |
còir |
| cunnartach |
teth |
milis |
beag |
|
aosta |
cuideachail |
brèagha |
tiugh |
| trom |
buidhe |
grànda |
fada |
|
ceart |
daor |
fasanta |
dall |
Cleachd buadhair bhon liosta agus sgrìobh e anns an dòigh cheart an dèidh gach ainmeir.
Cuimhnich
Balach beag ach nighean bheag
Taigh geal ach caora gheal
Faodaidh tu na buadhairean a chleachdadh barrachd air aon turas.
|
Fireannta |
Boireannta |
| càr | bròg |
| bàta | caileag |
| doras | duilleag |
| loch | piseag |
| balach | abhainn |
| rathad | tràigh |
| sùgh | rionnag |
| taigh | deoch |
| bodach | sgoil |
| iasg | luch |
Cò ris a tha e coltach?
Cuir suas dealbh air a’ bhòrd gheal a tha ceangailte ri cuspair air a bheil sibh ag obair.
Ann am buidhnean de thriùir, far a bheil aon sgoilear na sgrìobhadair, aon na dhearbhadair agus aon a bhios a’ bruidhinn, feumaidh iad smaoineachadh air buadhairean airson an dealbh a mhìneachadh.
Cruinnich na beachdan aig na buidhnean air a’ bhòrd gheal.
Leudachadh
Faigh a-mach an ann fireannta no boireannta a tha an rud agus atharraich na buadhairean mar a tha e freagarrach.
Dè tha air do làimh chlì/ dheis?
Cleachd mapaichean bhon eadar-lìon agus thoir aon do gach sgoilear. Còmhla ri caraid, a’ suidhe cùl ri chùl, feumaidh aon sgoilear òrduighean a thoirt seachad, feumaidh an sgoilear eile na h-òrduighean a leantainn air a’ mhapa aige fhèin agus, an dèidh sin, faighnichidh a’ chiad sgoilear, “Dè tha air do làimh chlì /dheis?”