Skip to content

Obair ìre 2

Nì, an dèan, cha dèan; chì, am faic, chan fhaic; canaidh, an can, cha chan; a chluinneas

Gnìomh

Cò ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna?
Feumaidh na sgoilearan smaoineachadh mu dheidhinn cò ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna. ’S dòcha le bhith a’ smaoineachadh air blàthachadh na cruinne, no air an teicneòlas ùr a bhios ann an uair sin.

Bhiodh seo freagarrach airson còmhradh no sgrìobhadh no dh’fhaodadh na sgoilearan òraid / PowerPoint a dhèanamh mu dheidhinn.

 

Seanfhaclan
Bhiodh e feumail tòrr bhruidhinn a dhèanamh air na seanfhaclan, a’ dol thairis air faclan doirbh agus a’ smaoineachadh air na tha iad a’ ciallachadh. Cuideachd, bhiodh e math cuid dhiubh ionnsachadh. Tha tòrr sheanfhaclan ann a bhios a’ cleachdadh a’ phàtrain seo agus seo cuid dhiubh.

  • An nì a chì na big, ’s e nì na big – What the little ones see, the little ones do.
  • Cha dèan ‘Tapadh leis an fhìdhlear’ am fìdhlear a phàigheadh – A ‘thank you’ doesn’t pay the fiddler.
  • An làmh a bheir, ’s i a gheibh – The hand that gives is the hand that gets.
  • Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit- Beauty won’t boil the pot.
  • Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e staigh sa Ghiblean – The grass that grows in March disappears in April.
  • Cha dèan cas làidir nach ith brù mhòr – The strong foot will not find more than the big belly will devour.
  • Cha tèid nì sam bith san dòrn dhùinte – Nothing can get into a closed fist.
  • Ge b’ e thig gun chuireadh, suidhidh e gun iarraidh – Who comes uninvited will sit down unbidden.
  • An nì a thig leis a’ghaoith, falbhaidh e leis an uisge – What comes with the wind will go with the rain.
  • Cha dèan aon smeòrach samhradh – One mavis doesn’t make summer.
  • Cha dèan cat miotagach sealg – A cat in mittens won’t catch mice.
  • Gheibh cearc an sgrìobain rudeigin, is chan fhaigh cearc a’ chrùbain dad idir – The scraping hen will find something, but the creeping hen will find nothing.
  • Am fear nach dèan cur sa Mhàrt, cha bhuain e san fhoghar – He who will not sow in March will not reap in autumn.
  • Am fear a thèid a ghnàth a-mach le lìon, gheibh e eòin air uairibh – The man who always goes out with his net will catch birds sometimes.

 

Leudachadh
Airson geama a chluich a’ cleachdadh sheanfhaclan, bidh aon sgioba a’ fàgail an t-seòmair agus ag aontachadh air seanfhaclan agus cò tha a’ dol a ràdh gach facal. Nuair a thilleas iad, bidh iad uile ag èigheach a-mach an fhacail aca fhèin aig an aon àm agus feumaidh na sgiobaidhean eile feuchainn ris an seanfhacal a thomhas.


 

Cothroman tar-churraicealaim

Ceòl

Chì mi na mòr-bheanna

O chì, chì mi na mòr-bheanna,
O chì, chì mi na mòr-bheanna,
O chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgoran fo cheò.

1. Chì mi gun dàil an t-àite san d’ rugadh mi,
Cuirear orm fàilte sa chànan a thuigeas mi;
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.

2. Chì mi a’ ghrian an liath nam flaitheanas,
Chì mi san iar a ciar nuair laigheas i;
Chan ionann ‘s mar thà i ghnàth anns a’ bhaile seo
‘N deatach a’ falach a glòir.

3. Chì mi ann coilltean, chì mi na doireachan,
Chì mi na màghan bàna as torraiche,
Chì mi na fèidh air làr nan coireachan,
Falaicht’ an trusgan de cheò.

4. Beanntaichean àrda as àillidh leacainnean,
Sluagh ann an-còmhnaidh as còire cleachdainnean,
‘S aotrom mo cheum a’ leum gam faicinn,
Is fanaidh mi tacan le deòin.

5. Fàgaidh mi ùpraid, sùrd, agus glagarsaich,
Dh’fhaicinn an fhuinn anns an cluinnteadh a’ chagarsaich,
Fàgaidh mi cùirtean dùint’ agus salach,
A dh’amharc air gleannaibh nam bò.

6. Fàilt’ air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach,
Fàilt’ air na còrr-bheannaibh mòra, muladach,
Fàilt’ air na coilltean agus fàilt’ air na h-uile,
Ò! ‘s sona bhith ‘fuireach nan còir.

 

Faodaidh na sgoilearan rann no dhà a sgrìobhadh a’ moladh an àite aca fhèin,  a’ feuchainn ri pàtran na seachdain a chleachdadh.

 

Togail cùrs air Leòdhas

Tiugainn leam is dèan cabhag ’s thèid sinn thairis a-null
Dh’eilean uasal na Gàidhlig rinn ar n-àrach nar cloinn;
Tìr nan treun fhear as calma choisinn ainm am measg Ghall
‘S thèid sinn còmhla, a leannain, thìr an rainich a-null.

Nì sinn gluasad gu dàna suas na bràighean ‘s na caoil;
Gheibh sinn aiseag gu sàbhailt null gu àite mo ghaoil
‘S nuair a bhuaileas i ‘m bàgh ann chluinn thu Ghàidhlig gach taobh,
‘S gheibh sinn aoigh agus fàilt ‘n eilean bàigheil an fhraoich.

Chì thu muir, chì thu mòinteach, chì thu mhòine mun cuairt,
Chì thu cnuic ghlas is leòidean air am b’ eòlach sinn uair;
Chì thu machraichean còmhnard ’s tha gu leòr dhiubh air tuath,
Ann an Nis, àite bòidheach, ’s thogadh òg ann mi suas.

Chì thu Tiùmpan tha aosmhor air aodann nan stuagh,
‘S tric tha sholas toirt saorsainn do na laoich tha air chuan
‘S iomadh bàt’ bh’ air a sgiùrsadh ‘s i gun chùrs’ ri droch uair
Rinn an soills’ ud a stiùireadh steach a chùiltean Loch a Tuath

’S nis nach aontaich thu, rùin, rium ’s dèan co-dhùnadh air ball,
Leig do shoraidh gun smuairean le dùthaich nan Gall,
Dol gu fearann ar sìnnseir bha cho strìtheil na cheann,
’S nì sinn tàmh anns an tìr sin gus an sìnear sinn ann.

 

Topaig – Cruinn-eòlas/eachdraidh
Faodaidh na sgoilearan dealbh a dhèanamh de na chì iad bhon uinneig aca fhèin no uinneag na sgoile. Faodaidh iad an dealbh aca a shealltainn dhan a’ chlas, a’ ràdh,  “Chì mi…”

Leudachadh
Tagh cuideigin co-cheangailte ris an topaig agad agus dèan an aon ghnìomh – dè chitheadh iadsan bhon uinneig aca.

me Handa, bhon sgeulachd Measan Handa, nighean bheag a’ fuireach ann an Ghana, Afraga.
Croitear à Cataibh aig àm nam Fuadaichean.
Am Prionnsa Teàrlach (Bonnie Prince Charlie)
Balach beag ann an Afganastan
Faodaidh na sgoilearan dealbh a dhèanamh agus paragraf a sgrìobhadh mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain, (chì mi/cluinnidh mi/thig/thèid msaaa)

 

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024