Skip to content

Obair ìre 1

Nì, an dèan, cha dèan; chì, am faic, chan fhaic; canaidh, an can, cha chan; a chluinneas

Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran

An tidsear a’ toirt dhan chloinn tuigse mu riaghailtean a’ chlas agus riaghailtean na sgoile.
“An dèan thu seo?” “Nì/cha dèan”


Gnìomhan

Pelmanism

Chì/chan fhaic
Dèan suas cairtean de dh’àiteachan air cairt dhearg agus cairtean le rudan a chitheadh tu anns na h-àiteachan sin air cairt ghorm agus cuir sìos iad air am beul fodha. Mar seo:

 

Graphic:CardsGraphic: Tiger

Cairtean dearg Cairtean gorm
Sutha tìgear
Leabhar-lann leabhraichean
Tuathanas
Coille duilleagan
Baile mòr togalaichean àrda

 

 

 

 

 

Eisimpleirean:
Feumaidh na sgoilearan aon chairt dhearg agus aon chairt ghorm a thogail a’ feuchainn ri paidhir freagarrach a lorg.
me

Sgoilear 1: “Thèid mise dhan t-sutha a-màireach agus chì mi leabhraichean.”
Sgoilear 2: “Am faic?”
Sgoilear 1: “Chan fhaic.”

Agus cuiridh e na cairtean air ais far an d’ fhuair e iad. Ma tha e a’ togail paidhir, cumaidh e iad, agus bidh an sgoilear leis an àireamh as àirde de chairtean aig an deireadh a’ buannachadh.

 

Leabhraichean

Mathan donn, mathan donn


Cothroman tar-churraicealaim

Ealain
Faodaidh na sgoilearan dealbh a dhèanamh air dè chì iad bhon uinneig aca fhèin no uinneag na sgoile. Faodaidh iad an dealbh aca a shealltainn dhan a’ chlas agus cantainn, “Chì mi…”


Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

Anns a’ chidsin (nì)
Chaidh mi dhan sgoil an-dè (nì)
Òran Disathairne (nì)
Tha sìol beag fon talamh (nì)
Gealach ùr is rionnagan (chì)
Madainn mhath, nach dùisg thu (chì)
Tha sinn a’ dol dhan t-sutha an-dràsta (chì sinn)
Blàrag (chì)

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024