|
Facal gnìomh |
An rud a thachair |
an/an do, cha do/chan, gun do … |
| abair/can | Thuirt thu cus. | An tuirt e dad riut? Cha tuirt. |
| beir | Rug e air làimh orm. | An do rug thu air a’ bhus? Cha do rug. |
| cluinn | Chuala mi mun sin. | An cuala tu fuaim? Cha chuala. |
| dèan | Rinn thu gu math. | Thuirt e gun do rinn e an dealbh. |
| faic | Chunnaic mi am prògram sin. | Am faca tu iad? Chan fhaca mi càil. |
| faigh | Fhuair mi leabhar ùr. | An d’ fhuair thu càil? Cha d’ fhuair. |
| rach/theirig | Chaidh e dhachaigh tràth. | Sin far an deach mo leòn. Cha deach. |
| ruig | Ràinig am parsail gu sàbhailte. | Cha do ràinig e fhathast. |
| thig | Thàinig e air ais an-diugh. | An tàinig am bus? Cha tàinig. |
| thoir | Thug e dhomh preusant. | An tug iad dad dhut? Cha tug. |