Is/Is e/’s e/an e/chan e; is mise Màiri; ‘s e seo mo phiuthar; sin mo pheansail
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Mo theaghlach
Bruidhinn mu dheidhinn dealbhan a bheir a’ chlann a-steach dhan sgoil.
“An e sin Mamaidh?” “S e, ’s e sin Mamaidh agus ’s e seo mo phiuthar, Anna.”
“’S e seo mo Dhadaidh.”
“An e dotair a th’ ann?”
“Chan e, ’s e tidsear a th’ ann.”
Gnìomh
Geama Kim
Cruinnich tòrr rudan beaga agus cuir iad a-mach air a’ bhòrd, me càr beag, cunntair, peann, siosar, msaa. Feumaidh a h-uile duine na sùilean aca a dhùnadh agus taghaidh aon sgoilear aon rud airson a thoirt air falbh.
Fosglaidh a h-uile duine na sùilean aca agus feumaidh iad tòmhas dè an rud a thug e air falbh.
“An e am peann a thug thu air falbh?”
“’S e/Chan e”.
Leudachadh
Faodaidh tu àireamhan no fuaimean a chleachdadh an àite rudan.
me cuir a-mach
“An e ‘gh’ am fuaim a thagh thu?”
“’S e /chan e.”
Squiggle
Dèan cruth air choreigin air a’ bhòrd-gheal agus seall dhan chloinn mar a dh’atharraicheas tu an cruth gu rudeigin eile le bhith a’ cur barrachd ris.
Dèan an aon cruth air an dà thaobh den bhòrd-gheal agus tagh 2 sgoilear airson barrachd a chur ris gus dealbh de rudeigin a dhèanamh. Feumaidh a’ chlann eile tomhas dè th’ annta agus aig an deireadh bidh na sgoilearan ag innse beagan mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
“’S e seo Teàrlach. ’S e Teàrlach an teadaidh agam. ’S e Teàrlach an teadaidh as fheàrr anns an t-saoghal. Tha e donn agus molach.”
Cothroman tar-churraicealaim
Matamataig
Anns a’ bhùth, no le dealbhan, dèan còmhradh air na rudan ri reic, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
“Dè an dèideag as daoire?”
“’S e an trèana an dèideag as daoire.”
“’S e an teadaidh an dèideag as motha.”
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Na maragan aig Ruairidh
A chur nan gobhar às a’ chreig
Nuair a bha mi na mo mhaighdinn
Seo an tè a leag an sabhal
Spòrs le do chorragan
Cluinn an tàirneanach