Mi, thu/tu, e, i, sinn, sibh, iad; mise, thusa/tusa, esan, ise; sinne, sibhse, iadsan; Mi fhèin/fhìn, thu fhèin; e/i fhèin, sinn fhèin/fhìn; sibh fhèin, iad fhèin
Gnìomhan
Cò tha ann?
Aig àm cearcaill, feumaidh aon sgoilear dealbh a thoirt seachad air cuideigin eile sa chlas, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
“Tha dà phiuthar aice/aige.”
“Tha piseag gheal aice.”
Feumaidh a h-uile duine eile tomhas cò tha ann.
20 diog
Feumaidh na sgoilearan nas urrainn dhaibh ainmeachadh air cuspair sònraichte ann am 20 diog.
Thoir dhaibh dealbhan le daoine/caractaran ainmeil orra agus gnìomh a tha aca ri dhèanamh.
me
A bheil càr agad?
Cuir an clas ann am buidhnean. Gluais timcheall a’ chlas a’ toirt a-mach diofar rudan fhad ’s a tha thu a’ dol mun cuairt.
me
A’ toirt peansail do nighean. “A bheil peasail aice?” “Tha peansail aice.”
A’ toirt dà leabhar do bhuidheann. “A bheil trì leabhraichean aca?” “Chan eil, tha dà leabhar aca.”
A’ toirt càr do bhalach. “A bheil làraidh aige?” “Chan eil, tha càr aige.”
Lìon na beàrnan
Cuir ri chèile seantansan sìmplidh. Bhiodh seo math air a’ bhòrd gheal, me:
agam | agad | aige | aice | againn | agaibh | aca |
1. Fhuair mi baga ùr. | Tha baga ùr ………….. |
2. Cheannaich mise agus mo bhràthair ceapairean. | Tha ceapairean ………………. |
3. Fhuair Màiri brògan ùra. | Tha brògan ùra ……………….. |
4. Cheannaich Calum agus Eilidh suiteas. | Tha suiteas …………………. |
msaa
Geamaichean
Bingo (Geama 13, DTT1)
Cò aig a bheil (Geama 22, DTT1)
Cuir ort do chòta (Geama 33, DTT1)