Far a bheil rudan (agus a leithid sin)

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse far a bheil rudan agus a leithid sin: Na shuidhe air balla [gun an t-alt]
  • Air balla, ri Calum, eadar mùir is tìr, aig cèilidhean, le balaich.              
  • Do Mhàiri, do chaileagan, ro Dhiluain, ro Anna, do dh’Anna, gun chòta.
Tha leabhar air a’ bhòrd [leis an alt]
  • Aig a’ chidhe, anns a’ chraoibh.                                                                        
  • Dhan bhaile, tron uinneig, dha na beanntan.
  • Anns a’ chàr/sa chàr, ris a’ chaileig, leis gach balach.                             
  • Nam/na mo bhaga.
Air a’ bhòrd bheag
  • Air a’ bhòrd bheag, aig an uinneig bhig.                                                             
  • Do na balaich bheaga, ris na gillean mòra.
Pàtrain eile.
  • Gun an càr, mar an dealanach, duine sam bith ach Calum, eadar na cnuic.
  • Tha iad a’ dol chun na gealaich.                                                                    
  • Shreap iad thar nam beanntan.
Tha còta ùr agam. Asam, agam, orm, bhuam, dhìom, dhomh, thugam, leam, rium, romham, tromham. Faisg orm
  • Coltach ri cat, còmhla ris a’ chaileig.
  • Còmhla rium, faisg ort, còmhla riutha.
Ri taobh an dorais                                                                 
  •  Ri taobh uinneag, air beulaibh balla, air cùlaibh dhorsan [gun an t-alt].
  • Air cùl an dorais mhòir, air beulaibh na h-uinneig(e).
  • Ri taobh nan taighean, air cùl nan cnoc. 
Agus le mi, thu …:                                                      
  • Air mo chùl, air do chùl, air a son, ri ar/rir taobh, os ur cionn,  nam measg.
Air cùl, an àite, am measg, mu dheidhinn, mun cuairt, ri taobh, os cionn.      
Print Friendly, PDF & Email