Skip to content

Ag innse mu rud a bhith air a dhèanamh air rud no neach

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rud a bhith air a dhèanamh air rud no neach:

Rugadh e ann an New York.

  • Thogadh an taigh seo o chionn fichead bliadhna.                                           
  • Cha togar an sgoil ùr airson còig bliadhna eile.

Chaidh na h-uinneagan a bhristeadh.

  • An deach an sùgh air fad òl?

An deach an dòigh seo fheuchainn?

  • Chaidh mo chumail air ais.

Tha an rabhadh air a sgrìobhadh ann an dearg.

  • Tha na leabhraichean air an cumail anns a’ phreasa sin.
  • Tha mi air mo leòn.

Tha thu gad shàrachadh fhèin

  • Tha na dorsan gam peantadh.

Cha ghabh sin dèanamh.

Dh’fhàgte a-muigh e fad na h-oidhche.

Tha tòrr ri dhèanamh.

  • Tha beagan gun dèanamh fhathast.

Faodar na solais a chur dheth.

  • Feumar an rùm a sgioblachadh.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024