Skip to content

Rìoghachd Dalriata

Bhon 5mh linn co-dhiù, bha Rìoghachd Dhalriata air gach taobh de Shruth na Maoile, agus a’ gabhail a-steach na sgìre ris an canar Contae Aontrama an-diugh, ann an Èirinn a Tuath, agus pàirt de na h-Eileanan A-staigh agus Earra-Ghàidheal.

Stèidhich Gàidheil à Aontroim an Ulaidh rìoghachd Dhalriata ann an Earra-Ghàidheal. Tha fianais clàraichte ag innse mar a ghluais Fearghas Mòr mac Eirc, Rìgh Dhalriata an Ulaidh, a-null a dh’Alba mu 500AC.

Thug e a’ Ghàidhlig a dh’Alba, rinn e ceanna bhaile ùr, Dùn Athad, agus leig e seachad a chòir air fearann ann an Ulaidh.

A’ cumail smachd air dà rìoghachd

Bha an aon teaghlach, a thàinig bho Fhearghas Mòr mac Eirc, a’ riaghladh fearann air dà thaobh Sruth na Maoile gus an t-7mh no an 8mh linn. Bha trì ‘cenela’ no cinnidhean, le triùir bhràithrean ann, aig an robh crìochan eadar-dhealaichte – Fearghas Mòr (ris an canar Mac Nisse Mòr uaireannan), Loarn agus Aonghas.

B’ iad mic Eirc, Rìgh Dhalriata. Bha rìgh agus fearann aig gach cinneadh agus chùm iad smachd air a’ phàirt aca de dh’Alba gu às dèidh 800.

Ach dh’fhàs e na bu duilghe do rìghrean Dhalriata smachd a chumail ann an Ulaidh.

Vikings

Na Gàidheil agus na Cruithnich

Cha robh rìoghachd Ghàidhealach Dhalriata ach beag an taca ri rìoghachd mhòr nan Cruithneach.

Bha crìochan nan Cruithneach gu taobh tuath agus taobh sear crìochan nan Gàidheal.

Bha meadhan na cumhachd aca ann an sgìre Aonghais air an taobh sear agus ann an sgìre Rois air an taobh tuath.

Bha an dà shluagh a’ strì ri chèile iomadach uair, ach cha deach ionnsaigh a thoirt air dùthaich nan Gàidheal an Earra-Ghàidheal agus Ceann Tìre chun an 9mh linn.

Ann an 811, ge-tà, fhuair Custantin mac Forcussa, rìgh nan Cruithneach, ceannas air rìoghachd nan Gàidheal airson greis.

Thàinig na Lochlannaich mu 800AC, agus bha ceist ceannas nan Gàidheal a-rithist air a ceangal ri feachdan.

Goirid an dèidh sin, mu 843AC, thàinig an dà shluagh, na Gàidheil agus na Cruithnich, gu chèile fo cheannas Choinnich mhic Ailpin.

Fhuair Coinneach ceannas air na Gàidheil agus smachd air rìoghachd nan Cruithneach mu 834.

B’ e Coinneach I an rìgh mu dheireadh air Dalriata.

Chuir e an dà rìoghachd còmhla mar aon rìoghachd aonaichte, Alba.

Bha iad le chèile a-nis a’ seasamh an aghaidh nàmhaid eile – na Lochlannaich.

Buaidh nan Lochlannach

Thàinig mòran ùpraid san 9mh linn le na h-ionnsaighean Lochlannach agus sgar an dà rìoghachd bho chèile.

Air sàillibh creachadh nan Lochlannach, ghluais Rìoghachd na h-Alba an cathair-bhaile bho Dhùn Athad gu Sgàin, faisg air Peairt.

Viking Longhouse
Romans

Buaidh nan Ròmanach

B’ iad na Ròmanaich, a bha ann am Breatainn airson mu cheithir ceud bliadhna, a thug an t-ainm Laideann Scotti air na daoine a bha a’ fuireach ann an Èirinn: ’s ann bhon fhacal seo a tha Scot agus Scotland a’ tighinn.

Bha Fearghas na Scot agus b’ ann bhon fhacal sin a thàinig an t-ainm Beurla a th’ air Alba an-diugh, Scotland.

Roman Coin