Skip to content

Reachdan Eilean Ì

iona-abbey-transparent(1)

Bann agus Reachdan Ì Choluim Cille

Tha cuid a’ smaoineachadh gun robh Reachdan Eilean Ì – tha naoi reachdan ann uile gu lèir – nan ionnsaigh air pàirtean de chultar na Gàidhlig; gun robh iad airson cur às don Ghàidhlig agus Beurla a chur na h-àite.

Tha cuid eile a’ smaoineachadh, leis na reachdan, gun robh Rìgh Seumas VI na h-Alba a’ feuchainn ris a’ Ghàidhealtachd a thoirt còmhla ris a’ chòrr de dh’Alba.

Tha ceist ann an robh Rìgh Seumas a’ feuchainn ri sìobhaltachd a thoirt dhan Ghàidhealtachd no a’ feuchainn ris a’ Ghàidhlig a chur sìos.

Gun teagamh ge-tà, chaidh coimhearsnachd na Gàidhlig agus giùlan nan Gàidheal atharrachadh nuair a chaidh cuid de na reachdan a chur an sàs.

Bha mòran de na Goill den bheachd gun robh na Gàidheil borb, fiadhaich.

Le sin, tha e furasta a thuigsinn carson a tha cuid a’ smaoineachadh gun do stèidhich Rìgh Seumas na reachdan mar dhòigh air piseach a thoirt air dòigh-beatha nan Gàidheal, agus air lagh agus rian a leudachadh san sgìre.

Thuirt an rìgh fhèin uaireigin gun robh na Gàidheil gu lèir borb:

‘A thaobh nan Gàidheal, chanainn gu bheil dà sheòrsa ann: an fheadhainn a tha a’ fuireach air tìr-mòr agus a tha borb, ach a bhios a’ nochdadh beagan modh uaireannan; agus an còrr a tha a’ fuireach anns na h-eileanan agus a tha gu tur borb.’

Seumas VI, Rìgh na h-Alba
Seumas VI, Rìgh na h-Alba

A’ tighinn gu aonta air na Reachdan

Chùm an t-Easbaig Anndra Knox cùirt air 24 Lùnastal 1609 air Eilean naomh Ì, far an deach na Reachdan aontachadh.

Ghabh naoinear de chinn-chinnidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bòid fhìor shòlamaichte a bha a’ gealltainn gum biodh iad dìleas don Rìgh, Seumas VI agus do laghan na h-Alba san àm ri teachd.

Clan Chiefs

B’ iad na cinn-chinnidh:

  • Aonghas MacDhòmhnaill Dhùn Naomhaig ann an Ìle
  • Eachann MacIlleain Dhubhaird ann am Muile
  • Dòmhnall Gorm MacDhòmhnaill Shlèite, san Eilean Sgitheanach
  • Ruaraidh MacLeòid na Hearadh
  • Ruaraidh MacFhionghain Shrath Shuardail san Eilean Sgitheanach
  • Lachlann MacIlleain, Cholla
  • Dòmhnall MacDhòmhnaill Eilein Thioraim, Mùideart (Caiptean Clann Raghnaill)
  • Lachlann MacIlleain Loch Bhuidhe, Muile
  • Gilleasbaig MacGuaire, Ulbha

Na naoi reachdan

Ann an 1609 chaidh gabhail ri naoi laghannan a dh’iarr:

I. Gum biodh na h-eaglaisean air an càradh, gum biodh ministearan anns na paraistean, agus gum biodh an teagasg agus an smachd mar a bha iad sa chòrr dhen dùthaich.

II. Gum biodh taighean-seinnse ann an àiteachan goireasach anns na h-Eileanan gu lèir, gus nach biodh aig croitearan bochda cuid-oidhche a thoirt do luchd-siubhail.

III. Gum biodh daoine a bha dìomhain air an ruagadh às na h-Eileanan; nach biodh na cinn-chinnidh ag atharrachadh na bha aig na fir-chinnidh ri thoirt dhaibh; agus gum biodh na cinn-chinnidh riaraichte le àireamh iomchaidh de dhaoin’- uasal agus de shearbhantan.

IV. Gum biodh iarraidh dèirce air a chasg, agus a’ gabhail àite-fuirich agus aoigheachd gun phàigheadh.

V. Gum biodh casg air Eileanaich bho bhith a’ ceannach deochlàidir ach gum faodadh iad a dhèanamh dhaibh fhèin; gum faodadh na cinn-chinnidh agus urracha mòra eile cur a dh’iarraidh deoch-làidir bhon Ghalltachd.

VI. Gun cuireadh gach duin’-uasal sna h-Eileanan am mac a bu shine aca gu sgoil air choreigin air Ghalltachd; agus gum biodh iad an sin gus am biodh iad air chomas Beurla a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh.

VII. Nach biodh hagbut no daga aig Eileanaich ’s iad a-muigh, agus nach biodh iad a’ losgadh air fèidh, geàrran no eòin le gunnaichean mar sin.

VIII. Nach biodh bàird is daoine eile a’ dol timcheall na dùthcha tuilleadh, a’ faighinn aoigheachd bho na cinn-chinnidh, ach gum biodh iad air an cur an grèim, agus air an cur a-mach às na h-Eileanan.

IX. Gum biodh na cinn-chinnidh a’ cur eucoraich sna sgìrean aca an grèim, a’ toirt an cuid bhuapa, agus gan cur air beulaibh britheamh; agus nach biodh cinn-chinnidh a’ gabhail eucoraich a bha a’ teicheadh bho sgìrean eile.