Skip to content

Na Lochlannaich

Mar a tha an t-ainm Gàidhlig a’ mìneachadh dhuinn, b’ e buidheann de dhaoine bho na dùthchannan Lochlannach (Nirribhidh, An Danmhairg agus an t-Suain) a bha anns na Lochlannaich. Dh’fhàg mòran dhe na Lochlannaich na sgìrean anns an robh iad air tighinn beò airson malairt agus àiteachas a stèidheachadh, cogadh agus creachadh a dhèanamh agus gus tìrean ùra fhaicinn.

Sheòl iad agus thug iad buaidh air sgìrean fad is farsaing anns a’ Chuan Atlantaig a Tuath.

Tha fianais bho eachdraidh ag innse dhuinn gun robh tuineachaidhean Lochlannach air an stèidheachadh anns na dùthchannan far a bheil Canada, Innis Tìle, Iraq agus An Ruis anns an latha an-diugh a bharrachd air dùthchannan a bha na b’ fhaisge orra.

Vikings
Viking ship illustration

Thug iad buaidh mhòr air iomadh sgìre a thaobh cànan, cultar agus dòigh-beatha.

Bha an creideamh agus na creideasan aca fhèin aca agus bha iad air feadhainn dhe na seòladairean a b’ fheàrr air an t-saoghal le longan mòra aca gus daoine a ghiùlan mìltean mòra thar a’ chuain.

Viking raven
Lindisfarne
Monk writing
Iona Abbey

Bha na Lochlannaich aig àirde an cumhachd eadar deireadh an 8mh agus meadhan an 11mh linn. Tha aithrisean ann gun tàinig Lochlannaich bho Nirribhidh a dh’Alba agus a dh’Èirinn.

B’ ann air eilean beag Lindisfarne, far costa an ear thuath Shasainn, a chaidh a’ chiad ionnsaigh aig na Lochlannaich a chlàradh.

Monks, Lindisfarne

Bha manachainn Chrìosdail air an eilean sin agus chaidh a creachadh agus a milleadh leis na Lochlannaich anns a’ bhliadhna 793. Chaidh togalach nam manach a sgrios agus chaidh manaich a mharbhadh. Bha cuid dhe na stòrasan bu phrìseile aig an eaglais Chrìosdail anns an eilean sin.

Dìreach dà bhliadhna an dèidh nan ionnsaighean a chaidh a dhèanamh air Eilean Lindisfarne, chaidh ionnsaighean eile a thoirt air eilean far an robh manachainn agus far an robh coimhearsnachd Chrìosdail air a stèidheachadh. Bha Eilean Ì fìor chudromach leis gur ann air an eilean sin a stèidhich an Naomh Calum Cille manachainn agus coimhearsnachd Chrìosdail anns a’ bhliadhna 563.

Thug na Lochlannaich ionnsaighean air an eilean sin trì tursan anns na bliadhnachan 795, 802 agus 805.


Cha b’ ann a-mhàin air Eilean Ì a thug Lochlannaich ionnsaigh.

Chaidh iad air tìr anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn agus air tìr-mòr na h-Alba cuideachd.

Viking Chest

Faigh an goireas seo!

Ciste nan Lochlannach

Chaidh an goireas seo a chruthachadh airson 's gun ionnsaich thu mu na Lochlannaich ann an dòigh tharraingeach. Tha gach ciste làn mhac-samhail inntinneach de nithean Lochlannach. Chan eil ach na h-uiread againn dhiubh, agus mar sin bidh na cisteachan rim faighinn air iasad airson teirm sgoile.

(no cuir fòn chun na h-oifis air 01851 700880)

Ainmean-àite Lochlannach ann an Alba

Thug na Lochlannaich, a dh’fhuirich anns na tìrean air an tug iad ionnsaigh, buaidh air cànan agus cultar nan àiteachan sin.

Bha Gàidheil agus Cruithnich ann an Alba mus tàinig na Lochlannaich anns an 9mh linn agus bha ainmean-àite aca anns na cànanan a bha iad a’ bruidhinn aig an àm sin.

Gaelic Roadsign Scotland
Lerwick Road Sign

Nuair a thàinig na Lochlannaich agus a chruthaich iad coimhearsnachdan stèidhichte ann an eileanan na h-Alba agus ann an ceann a tuath na dùthcha, thug iad buaidh mhòr air a’ chànan.

Gheibhear eisimpleirean de dh’ainmean-àite a tha a’ tighinn bho fhreumhan Lochlannach air feadh na h-Alba.

Anns na h-eileanan mu thuath, Arcaibh agus Sealtainn, tha a’ chuid as motha dhe na h-àiteachan air a bheil sinn eòlach an-diugh a’ tighinn bhon Lochlannais.

Tha sin air sgàth ’s gun robh na h-eileanan sin fo smachd nan Lochlannach fad iomadh linn agus leis gun deach mòran thuineachaidhean Lochlannach a stèidheachadh anns na h-àiteachan annta.

Mar a shaoileadh tu, bho bhuidheann a bha gu mòr an sàs ann an siubhal mara, tha mòran dhe na faclan Lochlannach a tha air tighinn dhan Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ mhuir.

Tha an dà fhacal ‘sgeir’ (creag anns a’ mhuir) agus ‘geodha’ (caolas mara le bearraidhean casa air gach taobh) a chithear gu tric ann an ainmean air feadh na Gàidhealtachd ’s nan eilean a’ tighinn dìreach bho sheann chànan nan Lochlannach.

’S e ‘sker’ agus ‘gjá’ na faclan Lochlannach airson nan cruthan-tìre sin.

Tha ‘sgeir’ agus ‘geodha’ nan eisimpleirean de dh’fhaclan Lochlannach air a bheil dreach Gàidhlig.

Tha mòran de dh’ainmean-àite eile ann cuideachd a tha aithnichte a-nis mar ainmean Gàidhlig, ach chan eil teagamh nach eil freumhan Lochlannach aca.

Geodha
Sula Sgeir