Skip to content

Ceanglaichean ri Èirinn

Sorley MacLean
An fhèile, nach do reub an cuan nach do mhill mìle bliadhna…

Somhairle MacGillEain

Scotland Flag

Tha sluagh agus cànanan na h-Èireann agus na h-Alba ceangailte ri chèile leis an aon eachdraidh agus leis na freumhan domhainn a th’ aca san aon dualchas.

Cha robh mòran a’ cur stad air daoine bho bhith a’ falbh ’s a’ tighinn thar Sruth na Maoile, an caolas eadar Aontroim ann an Èirinn a Tuath agus Maol Chinn Tìre air costa iar-dheas na h-Alba.

Bhiodh malairt a’ dol air adhart thar a’ chuain eadar muinntir a’ Chost an Iar agus muinntir na h-Èireann.

Ireland Flag
Taigh-solais air Rubha Chinn Tìre
Taigh-solais air Rubha Chinn Tìre
Scotland from Ireland

Bha iad a’ bruidhinn cànanan Goidhealach a bha coltach ri chèile.

Bha e gu math na b’ fhasa seòladh thar a’ chuain na siubhal air tìr.

Cha robh ach beagan mhìltean eadar Èirinn agus Ceann Tìre.

Bha an aon theaghlach, a thàinig bho Fhearghas Mòr mac Eirc, a’ riaghladh fearann air dà thaobh Sruth na Maoile chun an t-7mh no an 8mh linn.

Ach dh’fhàs e na bu dhuilghe do rìghrean Dhalriata smachd a chumail ann an Ulaidh.

Fhearghas Mòr
Scotland - Ireland Links

Thàinig mòran ùpraid san 9mh linn le na h-ionnsaighean Lochlannach agus sgar an dà rìoghachd bho chèile.

Viking ship illustration
Robert the Bruce

Tha e coltach gun robh Raibeart Brus, Rìgh na h-Alba eadar 1306-1329, airson gun deigheadh na h-Èireannaich còmhla ris na h-Albannaich leis gun robh an aon eachdraidh, na h-aon chleachdaidhean agus an aon chànan aca.

Tha daoine air a bhith a’ gluasad eadar cladaichean Èirinn agus Alba fad linntean agus chruthaich seo na dùthchannan agus an dearbhaithne as aithne dhuinn an-diugh.

Gu dearbh, nuair a thàinig an naomh Èireannach Colum Cille à Èirinn a dh’Eilean Ì ann an 563, thug e buaidh air mar a bhiodh Alba tuilleadh.

Stèidhich e manachainn air Eilean Ì, agus bha Alba an Iar agus Ear-thuath na h-Èireann le chèile ann an Rìoghachd Dhàilriata.

Colm Cille

Faodaidh Gaelic iomradh a thoirt air Gàidhlig na h-Alba, no Gaeilge na h-Èireann.

Tha an dà chànan gu math coltach ri chèile.

Tha tùs Ceilteach orra le chèile.

Thàinig iad le chèile bho chànan nan Gàidheal, an sluagh Ceilteach a thàinig à tìr-mòr na Roinn Eòrpa gu Èirinn (agus an dèidh sin gu Alba agus gu Eilean Mhanainn).

celtic-languages-gaelic-scotland

Luchdachaidhean a-nuas