Skip to content

Aodach

Tartan Plaids Illustration

Breacan

Thàinig a’ phlaide bhon ‘bhrat’, còmhdach a bha a’ dol mu thimcheall nan guailnean agus a bha daoine a’ cur orra bho chionn linntean.

Bha e air a cheangal mun mheadhan mar bu trice.

Chì sibh san dealbh seo mar a tha e air a chaitheamh ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Breacan

Bonaid

Thàinig a’ ‘bhonaid’ don Ghalltachd bhon Fhraing agus bho Fhlànras san t-16mh linn agus b’ ann an dèidh sin a chaidh gabhail rithe air Ghàidhealtachd.

Bha bonaidean gu math coltach riutha air an caitheamh air feadh taobh an iar-thuath na Roinn Eòrpa san t-16mh linn.

Tha an ìomhaigh seo a’ sealltain Gàidheil le breacan agus bonaid mar phàirt de chruinneachadh litrichean Eideird Burt a bha an sàs anns na rathaidean a bhathar a’ togail tron Ghàidhealtachd.

Bha e ag obair còmhla ri Marsail Seòras Wade, a thog rathaidean agus drochaidean bho Dhùn Chailleann gu Inbhir Nis.

Muidse

Bha an currac geal seo, am ‘muidse’, a’ sealltainn gun robh boireannach pòsta.

Muidse

Seàla

Bhiodh seàla fada air boireannaich airson an druim agus an cruachain a ghleidheadh bho smùr na mònach. Tha trì seòrsaichean seàla air an ainmeachadh:

Shawl

beannag

Shawls

guailleag

Shawl

plaide mhòr

Drògaid

’S e aodach air a dhèanamh de chlòimh gharbh agus anart a bha ann an ‘drògaid’. Bha e ga chleachdadh tron 19mh linn agus anns an 20mh linn.

Drògaid

Èideadh Gàidhealach

Chaidh Achd an Dì-armachaidh a chur an gnìomh an aghaidh a bhith a’ caitheamh an èididh Ghàidhealaich no breacan sam bith.

Dh’fhaodadh na rèiseamaidean Gàidhealach a-mhàin seo a chur orra.

Bha tartan dorcha an ‘Riaghaltais’ ann, le loidhnichean eadar-dhealaichte air airson gach rèiseamaid.

Chaidh an Achd seo a chur à bith an 1783.

Bha am breacan air fàs cumanta ann am fasanan Gallta.

Air Ghàidhealtachd, bha daoine a’ cur orra èideadh dorch clòimhe a bha donn no a bha air a dhath gorm le guirmean Innseanach.

Dh’fhàs am breacan na b’ fhasanta leis mar a choisinn  saighdearan Gàidhealach (air an èideadh an ‘tartan’) deagh chliù ann an arm Bhreatainn air feadh an t-saoghail.

Chaidh cur ris an ìomhaigh sin ann an linn na Banrigh Bhictoria.

Luchdachaidhean a-nuas

Highland kilt