Skip to content

Armachd

17th,Century,Ancient,Flintlock,Musket,Isolated,On,White,Background.

Musgaidean

B’ e nithean gu math prìseil a bha sna musgaidean.

Bhiodh na h-uaislean ’s na saighdearan a bha a’ dol mu dheas neo don Roinn Eòrpa gan toirt air ais leotha don Ghàidhealtachd.

Bha meas mòr air musgaidean air Ghàidhealtachd.

Bha iad air an cleachdadh airson sealg fèidh, agus bha miann mòr air a’ chur-seachad a bha sin.

Musket

A’ bhiodag

Thàinig a’ bhiodag Ghàidhealach – sgian shònraichte le lann fhada – bho sgeinean sna meadhan-aoisean mar an sgian ballock no an dudgeon dagger.

Bha làmh na sgeine dèanta de dh’fhiodh, de dh’adharc no de chnàimh, agus mar bu trice cha bhiodh an lann air a ghleusadh ach air aon taobh, agus bhiodh sreath de thulgan air an lann.

Bha pòcaid airson sgian bheag, no sgian ’s forc, air na truaillean bho àm a bha gu math tràth.

Dirk

Claidheamh

Chan eil na claidhmhnean cinn-aisneach seo cho sean ris na ‘claidhmhnean mòra’ dà làmhach. Bha cinn-aisneach na bu shìmplidhe air na claidhmhnean a bu shine a bha aig Gàidheil.

Tha e nas coltaiche gun do rinn luchd-ciùird na cinn eireachdail seo.

Claymore
Claymore engraving Dunvegan Castle

Luchdachaidhean a-nuas

Kilmartin Gravestone