Colm Cille
Rugadh Colm Cille mu AD 521 ann an Iar-Thuath Dhùn nan Gall.
Tha an t-ainm Colm Cille, no Columba ann an Laideann, a’ ciallachadh calman.
Tha cliù aige mar an neach a thug an creideamh Crìosdail a dh’Alba.
Mu AD 563, thàinig Colm Cille agus dusan companach a Cheann Tìre an Earra-Ghàidheal.
Bha e furasta faighinn a dh’Eilean Ì bho thìr-mòr na h-Èireann agus na h-Alba le bàta.
Rinn iad an dachaigh ann an Eilean Ì, a bha aig an àm sin na pàirt de Dhalriata, rìoghachd Ulaidh.
Stèidhich e Abaid Ì.
Dh’fhàs Abaid Ì cudromach mar ionad airson creideamh, foghlam agus ealain.
Tha Eilean Ì na eilean naomh agus tha iomradh air mar àite-breith a’ chreideimh Chrìosdail ann an Alba.
An dèidh dha seatlaigeadh air an eilean, thòisich Colm Cille a’ toirt air a’ mhòr-chuid den t-sluagh phàganach ann an Alba agus ann an ceann a tuath Shasainn tionndadh chun a’ chreideimh Chrìosdail.
Tha cuimhne air Colm Cille mar sgrìobhadair, bàrd agus sgrìobhaiche.
Chaochail Colm Cille ann an Eilean Ì sa bhliadhna AD 597 agus chaidh a thiodhlacadh leis na manaich aige san abaid a stèidhich e fhèin.