Skip to content

Na Seumasaich

Clansmen

Buaidh Ar-a-mach ’45 air Cinnidhean Gàidhealach

Rugadh Teàrlach Eideard Stiùbhart, ris an canar am Prionnsa Bòidheach no an Tagraiche Òg, ann an 1720.

B’ e ogha Rìgh Seumas VII na h-Alba agus II Shasainn a bh’ ann, agus bha e a’ creidsinn – mar a bha a luchd-leanmhainn – gun robh còir-bhreith aige air crùn Bhreatainn.

Ann an 1745 sheòl am Prionnsa às an Fhraing, agus thog e a bhratach ann an Gleann Fhionghain, air taobh siar na Gàidhealtachd.

Bha e an dòchas feachd a thogail agus an Rìgh Seòras II a chur às àite.

Thug mòran de na cinnidhean Gàidhealach taic dha ach bha feadhainn eile na aghaidh, a’ taobhadh ris an rìgh Hanobharach.

Bha a’ mhòr-chuid de Ghoill na h-Alba agus de Shasannaich na aghaidh, agus cha d’ fhuair e mòran taic bho Sheumasaich Shasainn.

An dèidh iomairt a mhair ochd mìosan, sgrios am feachd Hanobharach fo Dhiùc Chumberland – mac Rìgh Seòras II – na bha air fhàgail de fheachd nan Seumasach aig Blàr Chùil Lodair.

Dhiùlt Teàrlach Eideard Stiùbhart comhairle nan ceannardan aige fhèin a bha na b’ eòlaiche.

Theich Teàrlach Eideard Stiùbhart bhon raon-chatha air Mòinteach Dhruim Athaisidh, theich e à Alba agus thill e dhan Fhraing.

Chuir e seachad an còrr de a bheatha mar fhògarrach.

Leis mar a dh’fhaillich Ar-a-mach 1746, cha d’ fhuair na Stiùbhartaich an crùn air ais agus thòisich atharrachaidhean air coimhearsnachdan agus cinnidhean na Gàidhealtachd.

Thug Rìgh Shasainn òrdugh luchd-taic nan Seumasach gu lèir a chur gu bàs. Bha seo a’ gabhail a-steach mòran de na cinnidhean air Ghàidhealtachd.

An dèidh seo thàinig na Fuadaichean mì-chliùiteach air Ghàidhealtachd nuair a chaidh na bha air fhàgail de na cinnidhean a ruagadh chun nan costaichean, chun na Galltachd no gu tìrean cèin.

Charles Edward Stuart
The Batle of Culloden
Memorial, Culloden

An dèidh Blàr Chùil Lodair

Chaidh dòigh-beatha nan Gàidheal na bu mhiosa an dèidh Blàr Chùil Lodair.

Chuir riaghaltas Bhreatainn laghannan an sàs a chuir bacadh air cumhachd nan ceann-cinnidh agus a chuir casg air a’ chultar Ghàidhlig a bha a’ còrdadh ris na Gàidheil.

Nam measg bha casg air breacanan nan cinnidhean agus ceòl na pìoba.

Cuideachd, thug an riaghaltas cead do dhaoine bho thaobh a-muigh na Gàidhealtachd tòrr den fhearann fhaighinn.

Jacobite Flag

Thòisich na h-uachdarain ùra a’ cur às don t-siostam roinn-ruith thraidiseanta agus chuir iad cleachdaidhean àiteachais na Galltachd an sàs na àite.

Chaidh teaghlaichean a chur às na dachaighean aca gu fearann eile san dùthaich timcheall orra, no chun a’ chosta.

An sin fhuair iad cothrom air gabhaltas ann an coimhearsnachdan ùra croitearachd, agus air obraichean ùra ann an gnìomhachasan an iasgaich, nan cuaraidhean agus na ceilpe.

Cha robh còir laghail aig teaghlaichean air an fhearann air an robh iad a’ fuireach.

Illustration - Family, Scotland
The Hector

An àite sin b’ e siostam fiùdalach a bha an sàs, a bha a’ ciallachadh gun dèanadh iad seirbheis no obair airson an fhearainn a fhuair iad.

Bha an dòigh-beatha ùr cho eadar-dhealaichte ’s gun robh e a’ sìor fhàs doirbh do chroitearan bàrr fhàs agus beathaichean a chumail dhaibh fhèin.

Bha sluagh ro mhòr air a’ Ghàidhealtachd agus chuir seo cuideam air an fhearann agus air obraichean.

Thug dòighean-obrach ùra agus innealan ùra tur-atharrachadh air àiteachas agus bha na bu lugha de fhireannaich agus de dh’ùine a dhìth airson bàrr a làimhseachadh.

Leis nach b’ urrainn dhaibh bith-beò a dhèanamh, roghnaich mòran aca eilthireachd a dhèanamh ’s iad air an tàladh le àidseantan companaidhean bhàtaichean a bha a’ gealltainn beatha na b’ fheàrr dhaibh sna Stàitean Aonaichte.

North America