Skip to content

Leabhar Dhèir

’S e leabhar beag sa bheil na Soisgeulan a th’ ann an Leabhar Dhèir.

Tha e 154mm x 107mm.

Tha e air a chumail a-nis ann an Leabharlann Oilthigh Chambridge.

Chan eil e soilleir carson no ciamar a chaidh a ghluasad bho Ear-Thuath na h-Alba gu Ear-Dheas Shasainn.

Tha Leabhar Dhèir a’ toirt dhuinn sealladh air an eaglais thràth, air
cultar agus air coimhearsnachd an ama.

Tha na pìosan sgrìobhaidh Gàidhlig as sine a th’ againn bho Alba sna Meadhan-aoisean ann an Leabhar Dhèir.

Illustration from Book of Deer

Bha an leabhar aig Abaid Dhèir, ann an Dèir, ann an Siorrachd Obair Dheathain.

Bha ceangal aig an Abaid ri Colm Cille.

San dara linn deug, chleachd na manaich beàrnan san leabhar agus air na h-oirean airson fiosrachadh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig air fearann a bha air a thoirt seachad.

Tha na notaichean air an sgrìobhadh am measg an teacsa
Laidinn agus nan soillseachaidhean Ceilteach.

Tha iomradh air an leabhar mar aon de na prìomh nithean
àrsaidh bho àm Alba nan Ceilteach.

Book of Deer
Illustrator working on the Book of Deer