Dè tha ann am fianais eachdraidh?
Chaidh tòrr fiosrachaidh a thoirt dhan ath ghinealach tro bheul-aithris, ann an òrain agus sgeulachdan.
’S e nì a bhios ag innse dhuinn mu rudan a thachair anns an ùine a dh’fhalbh a tha ann am fianais eachdraidh. Tha fianais eachdraidh a’ toirt dhuinn cothrom dearbhadh dè thachair ann an eachdraidh, no faodaidh e ar cuideachadh gus beachd a thoirt air dè thachair ann an eachdraidh.
Faodaidh dealbhan camara a bhith nan deagh stòr airson fianais eachdraidh.
Luchdachaidhean a-nuas
Faodaidh leabhraichean agus làmh-sgrìobhainnean a bhith nan deagh stòr airson fianais eachdraidh, ach dh’fhaodadh an sgrìobhaiche a bhith taobhach.