Gàidhlig – Cànan Dùthchasach
Carson a tha cànanan cudromach?
Tha cànan cudromach ann am beatha làitheil dhaoine; tha e na inneal airson conaltradh, airson foghlam, agus airson amalachadh agus leasachadh sòisealta. Cuideachd, ’s ann le cànan a tha fèin aithne, eachdraidh chultarail, dualchas agus cuimhneachain gach neach air an gleidheil.
UNESCO – Cànanan an t-Saoghail ann an Cunnart
Eadar 2004 agus 2005 chraol an Discovery Channel sreath de chriomagan bhidio, a rinn iad còmhla ris an UN, a tha a’ cur fòcas air coimhearsnachdan ann an cunnart ann an diofar sgìrean den t-saoghal.
Tha cànanan nan coimhearsnachdan sin an cunnart a dhol à bith dìreach air sgàth ’s gu bheil an àireamh a tha gam bruidhinn cho beag agus a’ sìor dhol sìos. B’ e an àireamh-sluaigh bu mhotha aig coimhearsnachd san t-sreath seo 5,000 agus an tè a b’ ìsle, 300.
Dè th’ ann an cànan ann an cunnart?
’S e cànan ann an cunnart, cànan a dh’fhaodadh a dhol à bith mar a tha an luchd-labhairt a’ bàsachadh no a’ gluasad gu bhith a’ bruidhinn cànan eile.
Bidh call cànain a’ tachairt nuair nach eil an còrr luchd-labhairt dùthchasach ann agus ’s e cànan marbh a th’ ann an uair sin.
Mura h-urrainn duine sam bith an cànan a bhruidhinn tha an cànan
sin air a dhol à bith.
Gabhaidh cànan marbh a rannsachadh fhathast le clàraidhean agus le sgrìobhaidhean, ach tha e fhathast marbh no à bith mura bheil luchd-labhairt fileanta ann.
Ged a bha cànanan riamh a’ dol à bith, tha iad a-nis a’ bàsachadh nas luaithe air sgàth teicneòlas agus gluasad dhaoine, obraichean agus chultaran air feadh an t-saoghail; cumhachdan a’ cumail smachd air no a’ toirt buaidh air dùthchannan eile; agus murt-cànain ri linn adhbharan poilitigeach no cion dhaoine a chumas an cànan beò.
Dè an duilgheadas a tha ann?
A dh’aindeoin ’s cho luachmhor ’s a tha cànan, tha cànanan air feadh an t-saoghail a’ sìor dhol à bith aig astar eagalach.
Thuirt Fòram Maireannach nan Cànanan Dùthchasach – buidheann leis an UN – ann an 2016 gun robh 40%, no 2680, de chànanan an t-saoghail ann an cunnart a dhol à bith.
Luchdachaidhean a-nuas
- 1
- 2