Skip to content

Beatha anns na Glinn

An dòigh-beatha thraidiseanta air Ghàidhealtachd

Ro na Fuadaichean, bha a’ mhòr-chuid de Ghàidheil a’ fuireach ann am bailtean beaga far an robh dàimh làidir aig muinntir an àite ri chèile.

Thog na daoine taighean cloiche air an robh mullach tughaidh de fhraoch, bealaidh, rainneach, connlach no luachair.

Bha na teaghlaichean ag àrach sprèidh agus a’ cur bàrr agus thug seo teachd-an-tìr dhaibh.

Dh’obraich iad an talamh le siostam roinn-ruithe agus le ionaltradh coitcheann.

Bha an talamh àrd nach robh cho math air a chleachdadh mar ionaltradh do chrodh agus do chaoraich dhubh-cheannach.

Bha an talamh a b’ fhaisge air na taighean air a chleachdadh airson bàrr agus glasraich fhàs.

Blackface sheep

Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

Tha ath-thogail arc-eòlach air baile Gàidhealach ri fhaicinn aig Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh. ’S e modail beò a th’ ann a tha a’ sealltainn far an robh Gàidheil a’ fuireach uaireigin.

Chùm Gàidheil ri siostam nan cinnidhean a bha air a bhith a’ dol fad linntean. Bha an dualchas agus an cànan fhèin aca – Gàidhlig.

An-diugh, tha glinn na Gàidhealtachd falamh.

Tha làraich bhailtean air feadh Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Chaidh coimhearsnachdan beaga à sealladh air sgàth nam Fuadaichean – chaidh na taighean a chaidh fhàgail nan tobhtaichean, agus thill am fearannn a bha uaireigin air àiteach gu staid nàdarra.

Air an àirigh

As t-earrach agus as t-samhradh gach bliadhna bhiodh Gàidheil a’ fàgail nan cladaichean agus nan srathan agus a’ dèanamh air na glinn ’s air a’ mhòintich.

B’ e àm toilichte a bh’ ann do theaghlaichean.

Bhiodh iad a’ fuireach ann an àirighean – bothain fhiodha no chloiche – ’s bhiodh an crodh agus na caoraich aca ag ionaltradh agus a’ fàs reamhar, deiseil airson fèilltean a’ gheamhraidh.

Bhiodh na teaghlaichean a’ dèanamh ìm agus càise.

B’ ann ann am biota mar seo a bhiodh an t-ìm air a dhèanamh.

Biota airson ìm a dhèanamh
Biota airson ìm a dhèanamh
Goats

Bha gobhair air an cumail leis gun robh bainne math aca airson ìm agus càise a dhèanamh, agus b’ urrainn dhaibh a bhith beò air talamh garbh.

Bidh iad ag ithe lusan nach ith beathaichean eile.

Bothy/Àirigh

B’ e bothain bheaga air a’ mhonadh a bh’ ann an àirighean.