Na Gàidheil agus na Goill
Thar nam bliadhnaichean thàinig Alba gu bhith na rìoghachd air a sgaradh.
Cha robh earbsa aig na Gàidheil no na Goill na chèile.
Bha na Goill a’ coimhead sìos air na Gàidheil, ach bha eagal orra cuideachd ro chumhachd armachd nan ceann-feadhna Gàidhealach.

Cha robh comas sgrìobhaidh no leughaidh aig mòran sna coimhearsnachdan Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, agus bha na Sasannaich agus na Goill den bheachd gum b’ e sgìre reubaltach agus bhorb a bh’ ann.
Cha robh mòran tuigse aig Rìgh Seumas VI nuair a thuirt e gur e daoine borb a bha anns na Gàidheil:
‘A thaobh nan Gàidheal, tha mi gam faicinn mar dhà sheòrsa; an seòrsa a tha a’ fuireach air tìrmòr a tha borb ach tha sin measgaichte le beagan sìobhaltais; tha an seòrsa eile a tha a’ fuireach anns na h-eileanan buileach borb.’

Tràth anns an t-seachdamh linn deug aig àm na Fuadaichean chaidh laghan a dhèanamh gus smachd a chumail air na Gàidheil.
Dh’fheumadh na cinn-feadhna am mic a chur gu sgoiltean sa Ghalldachd gus an ionnsachadh sa Bheurla.
B’ e seo aon de na rudan a bha a’ dol a dh’atharrachadh saoghal nan Gàidheal. Bha na Gàidheil duilich nach robh na daoine urramach a’ cleachdadh na Gàidhlig. Sgrìobh an t-Urr Iain MacGill’Eathain mun Ghàidhlig:
‘An cùirt na Rìgh, rè mìle bliadhn’ is treall Do bhi sin tùs, mun do thog cainnt Dhùbhghall ceann.’
Luchdachaidhean a-nuas

