An Cunntas-sluaigh
Dè th’ anns a’ chunntas-sluaigh?
’S e an cunntas-sluaigh cunntas air gach neach agus gach dachaigh san RA. ’S e an cunntas-sluaigh an stòr fiosrachaidh as iomlaine a th’ againn mun t-sluagh. Chaidh an cunntas-sluaigh mu dheireadh san RA a chumail Didòmhnaich 27 am Màrt 2011.
Dè cho tric ’s a bhios an cunntas-sluaigh air a chumail?
Tha cunntas-sluaigh ann gach 10 bliadhna.
Cuin a bha a’ chiad chunntas-sluaigh?
Bha a’ chiad chunntas-sluaigh ann an 1801.
Ciamar a tha dàta bhon chunntas-sluaigh air a chleachdadh?
Tha dàta bhon chunntas-sluaigh a’ toirt fiosrachadh mionaideach dhuinn air Alba agus air an t-sluagh.
Tha na freagairtean bhon chunntas-sluaigh air an cleachdadh gus dàta agus staitistigs gun ainm a chruinneachadh a tha cudromach a thaobh planadh airson Alba san àm ri teachd.
Leis an fhiosrachadh bhon chunntas-sluaigh faodaidh an riaghaltas nàiseanta agus ionadail, ùghdarrasan slàinte agus iomadh buidheann eile na goireasan aca a chur gu feum ann an dòigh nas èifeachdaiche, agus planaichean a chur ri chèile airson taigheadas, foghlam, seirbheisean slàinte agus còmhdhail, airson nam bliadhnaichean ri teachd.
Tha tuairmsean air àireamhan-sluaigh, profaidhlean sgìrean agus mapadhdàta mionaideach uile a’ dèanamh feum den dàta bhon chunntas-sluaigh nuair a tha co-dhùnadh ga dhèanamh air ciamar agus càit am bu chòir na billeanan notaichean de mhaoineachadh a chur an sàs.
Dàta a’ chunntais-sluaigh na chlàr eachdraidheil
Tha toraidhean nan cunntasan-sluaigh a’ toirt dhuinn cunntas maireannach air sluagh na h-Alba airson ghinealaichean ri thighinn.
Cò air a bheil an t-uallach airson an cunntas-sluaigh a chur air dòigh agus a dhèanamh?
Ann an Alba, bidh an cunntas-sluaigh air a chur air dòigh agus air a dhèanamh le Clàran Nàiseanta na h-Alba