A’ Bhanrigh Mairead
Rugadh a’ Bhanrigh Mairead mu 1045, ’s dòcha san Ungair, agus chaochail i ann an Dùn Èideann air 16 Samhain, 1093.
Bha Mairead de theaghlach rìoghail Sagsanach Shasainn. Thogadh i ann an cùirt na h-Ungair far an robh a h-athair, Eideard, air fògradh.
Nuair a fhuair Uilleam Ceannsaiche buaidh air Sasainn aig Blàr Hastings ann an 1066, theich banntrach Eideird agus a’ chlann aige a dh’Alba.
Thug Calum III àite tèarainte do bhràthair Maireid, am prionnsa Angla-Shagsanach Edgar an Aetheling.
Ged a b’ e boireannach cràbhach a bh’ innte, ghabh Calum III a’ Chinn Mhòir, Rìgh na h-Alba, Mairead mar an dàrna bean aige.
Luchdachaidhean a-nuas
- 1
- 2
Rìgh Calum a’ Chinn Mhòir agus a’ Bhanrigh Mairead, air a pheantadh le Sir Noel Paton.
Tha an dealbh seo ann an Seòmraichean Baile Dhùn Phàrlain.