Cinnidhean
Siostam a’ chinnidh
Bha ùghdarras aig a’ cheann-feadhna thairis air fearann a’ chinnidh.
Bhiodh e a’ roinn an fhearainn agus a’ toirt phìosan dheth air mhàl do fhir-taca, a bha càirdeach dha mar bu trice.
B’ e ‘meadhan-chlas’ a’ chinnidh a bha anns na fir-taca.
Bha iad an urra ri bhith a’ ruith an fhearainn agus ’s iad a bha a’ gairm nam fear-cinnidh nuair a bhathas gan iarraidh airson sabaid.
Bha na fir-taca a’ toirt fearann air mhàl do thuathanaich gabhaltais, agus bha iadsan a’ toirt obair do choitearan.
Bha na coitearan a’ treabhadh, a’ buain, a’ buachailleachd a’ chruidh agus a’ buain mònadh. Mar thuarastal bha iad a’ faighinn pìos beag fearainn anns an cuireadh iad am biadh fhèin.
An dèidh 1746 chaidh structar sòisealta siostam nan cinnidhean a bhriseadh, agus b’ e dàimh eadar uachdaran
agus màladair a bh’ ann an uair sin.
Cinnidhean agus càirdeas
Bha cinnidhean air an ainmeachadh mar a’ chlann aig ceann-cinnidh no ceann-feadhna.
Mar eisimpleir, Clann MhicAoidh, Clann MhicFhionghain, Clann ’Ic a’ Phì.
Bha an ceann-feadhna a’ coimhead air muinntir a’ chinnidh mar ‘theaghlach’.
B’ e a dhleastanas an dìon, gu h-àraidh ann an cruadal agus gort. Bha na fir-chinnidh an-còmhnaidh umhail don cheann-cinnidh.
Bha iad nan arm prìobhaideach aige.
Chaidh Calum a’ Chinn Mhòir na Rìgh ann an 1058 an dèidh dha MhacBheatha a mharbhadh.
An uair sin, thòisich siostam chinnidhean a’ nochdadh.
Bha dà dhòigh-beatha aig na fir-cinnidh.
Bha iad nan tuathanaich airson pàirt dhen bhliadhna a’ cur phòran agus a’ cumail crodh.
As t-samhradh b’ e saighdearan a bha annta a’ leantainn a’ chinn-feadhna dhan chath.
Bha goid-chruidh mar phàirt den dòigh-beatha.
Bha dualchas, onair, dìlseachd agus dleastanas a’ chinnidh làidir.