Stèiseanan Iasgaich na h-Alba
Nuair a chaidh Comann Iasgach Bhreatainn a chur air bhonn, thòisich iad sa bhad a’ cur àiteachan ùra air bhonn.
B’ e Tobar Mhoire a’ chiad phort a chaidh a leasachadh air costa siar na h-Alba ann an 1787, agus an dèidh sin, Ullapul ann an 1788, agus Loch a’ Bhàigh san Eilean Sgitheanach ann an 1795.
Nuair a chaidh baile Thobar Mhoire a stèidheachadh, bha dùil gun togadh daoine a bha mu thràth ag obair air an fhearann sgilean mar iasgairean agus mar luchd-ciùird. Ach cha robh an t-eòlas no an t-airgead aig mòran de mhuinntir an àite a leig leotha bàtaichean a thogail no a dhol gu muir.
Na b’ fhaide air adhart thug gnìomhachas na ceilpe cothrom cosnaidh do dhaoine ach dìreach airson greiseag.
Chaidh Ullapul a thaghadh gus brath a ghabhail air iasgach an sgadain a bha air fàs ann an Loch Bhraoin.
Ach, mu dheireadh an 18mh linn, cha robh na sgaothan mòra sgadain ann leis gun deach cus sgadain a ghlacadh.
Ri linn ’s mar a chrìon na sgaothan, cha do rinn Comann Iasgach Bhreatainn no na pròiseactan iasgaich air a’ chosta an iar cho math.
Chaidh cuideam a chur air Comann an Iasgaich puirt iasgaich a leasachadh air costa ear-thuath na h-Alba, agus le sin thionndaidh iad an aire gu costa Ghallaibh.