Gnìomhachas na Ceilpe
Aig àm nam Fuadaichean, chaidh mòran Ghàidheal fhuadach às na glinn agus chaidh an cur a dh’fhuireach ann an coimhearsnachdan ùra croitearachd, mar bu trice faisg air a’ chosta.
Leis cho beag ’s a bha na croitean, bha dùil gum biodh aig na màladairean ri obrachadh ann an gnìomhachasan eile mar iasgach no gnìomhachas na ceilpe.
Thug gnìomhachas na ceilpe cosnadh do dhaoine aig nach robh ach teachd-a-steach glè bheag, ma bha dad idir.
Bhiodh a’ cheilp air a càrnadh ann an cruachan gus am biodh i deiseil airson a losgadh ann an àth no ann an sloc.
An dèidh beagan lathaichean a’ tiormachadh anns a’ ghrèin agus anns a’ ghaoith, bhiodh a’ cheilp air a tionndadh. Nuair a bhiodh an fheamainn tioram, dh’fheumadh i a bhith air a losgadh na pùdar.
Bhiodh an luchd-obrach ag obair ann an dithisean – bhiodh aon neach a’ toirt na feamad chun na h-àth, agus bhiodh an neach eile an urra ris an losgadh.
A’ giullachd ceilp
Bhiodh ceilp air a buain ann am bàgh, agus air a toirt ann an cliabh no le each agus cairt chun a’ chladaich. Bhiodh i air a sgaoileadh an sin airson a tiormachadh. Dh’fheumadh a’ cheilp a bhith air a cumail cho glan ’s a ghabhadh, gun ghainmheach no nithean beaga eile ga salach.
Bhiodh an teine air a thòiseachadh le ultach connlaich agus sgaoileadh e gu luath thar làr na h-àtha.
Bhiodh slatan iarainn gan cleachdadh airson an fheamainn a ghluasad agus a bhrodadh fhad ’s a bha i a’ losgadh.
Bha gach slat mu cheithir troighean (122cm) a dh’fhaid.
Bha iad cho fada seo airson làmhan an luchdobrach a dhìon bhon dearg-theas a bhiodh a’ tighinn bhon cheilp.
Dh’fheumadh na slatan a bhith air an toirt às an àth bho àm gu àm airson leigeil leotha fuarachadh.
Nuair a bha a’ cheilp air losgadh gu leòr fhaighinn, bhiodh i air a putadh gu aon cheann den àth.
Bhiodh an luchd-obrach a’ cuideachadh a chèile le seo leis gun robh an fheamainn loisgte tiugh, steigeach agus trom, mar bhrochan.
Bhiodh càrn de cheilp fhliuch aca ri taobh na h-àtha.
Mus fhalbhadh an luchd-obrach dhachaigh, bhiodh cuid dhen cheilp fhliuch air a thilgeil air muin na ceilpe a bha a’ fuarachadh.
B’ e a’ chiad rud a dhèanadh iad nuair a thilleadh iad chun na h-àtha, balla a leagail air aon taobh airson a’ ghaoth a leigeil chun na ceilpe.
Fhad ’s a bha a’ cheilp a’ fuarachadh, bhiodh an luchd-obrach a’ tilleadh an-ath-latha no an-earar a bhuain tuilleadh ceilpe.
An uair sin thòisicheadh iad a’ briseadh na ceilpe ann am pìosan le òrd no le clach.
Bha pònaidh aig cuid de theaghlaichean. Bha pònaidhean làidir, tapaidh agus bha nàdar math aca.
Bha iad air an cleachdadh gu tric airson obair air a’ chroit, leithid a bhith a’ giùlan mòine no feamainn.
Bhiodh ceilp ann an Uibhist a Tuath air a toirt le each agus cairt chun a’ chidhe ann an Loch Euphort.
An sin bhiodh i air a cothromachadh agus an uair sin air a cur air bàta airson a toirt gu tìr-mòr.
Luchdachaidhean a-nuas
Mura biodh each is cairt aig luchd-obrach phàigheadh iad airson each is cairt cuideigin eile a chleachdadh.
Obair na ceilpe
Donnchadh Dòmhnallach, Uibhist a Deas 1951
https://www.tobarandualchais.co.uk/track/35319?l=en