Aodach
![tartan-plaids Tartan Plaids Illustration](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/tartan-plaids.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Breacan
Thàinig a’ phlaide bhon ‘bhrat’, còmhdach a bha a’ dol mu thimcheall nan guailnean agus a bha daoine a’ cur orra bho chionn linntean.
Bha e air a cheangal mun mheadhan mar bu trice.
Chì sibh san dealbh seo mar a tha e air a chaitheamh ann an dòighean eadar-dhealaichte.
![plaids-gaels-scotland-jacobites Breacan](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2022/01/plaids-gaels-scotland-jacobites.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Bonaid
Thàinig a’ ‘bhonaid’ don Ghalltachd bhon Fhraing agus bho Fhlànras san t-16mh linn agus b’ ann an dèidh sin a chaidh gabhail rithe air Ghàidhealtachd.
Bha bonaidean gu math coltach riutha air an caitheamh air feadh taobh an iar-thuath na Roinn Eòrpa san t-16mh linn.
Tha an ìomhaigh seo a’ sealltain Gàidheil le breacan agus bonaid mar phàirt de chruinneachadh litrichean Eideird Burt a bha an sàs anns na rathaidean a bhathar a’ togail tron Ghàidhealtachd.
Bha e ag obair còmhla ri Marsail Seòras Wade, a thog rathaidean agus drochaidean bho Dhùn Chailleann gu Inbhir Nis.
Muidse
Bha an currac geal seo, am ‘muidse’, a’ sealltainn gun robh boireannach pòsta.
![Muidse Muidse](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/Muidse.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Seàla
Bhiodh seàla fada air boireannaich airson an druim agus an cruachain a ghleidheadh bho smùr na mònach. Tha trì seòrsaichean seàla air an ainmeachadh:
![beannag Shawl](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/beannag.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
beannag
![guailleag Shawls](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/guailleag.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
guailleag
![plaide mhòr Shawl](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2022/01/highland-dress-scotland-alba-gaelic.jpeg?lossy=1&strip=1&webp=1)
plaide mhòr
Drògaid
’S e aodach air a dhèanamh de chlòimh gharbh agus anart a bha ann an ‘drògaid’. Bha e ga chleachdadh tron 19mh linn agus anns an 20mh linn.
![Eirisgeigh_Luadhadh_1899_3_beag_3 Drògaid](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/Eirisgeigh_Luadhadh_1899_3_beag_3.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Èideadh Gàidhealach
Chaidh Achd an Dì-armachaidh a chur an gnìomh an aghaidh a bhith a’ caitheamh an èididh Ghàidhealaich no breacan sam bith.
Dh’fhaodadh na rèiseamaidean Gàidhealach a-mhàin seo a chur orra.
Bha tartan dorcha an ‘Riaghaltais’ ann, le loidhnichean eadar-dhealaichte air airson gach rèiseamaid.
Chaidh an Achd seo a chur à bith an 1783.
Bha am breacan air fàs cumanta ann am fasanan Gallta.
Air Ghàidhealtachd, bha daoine a’ cur orra èideadh dorch clòimhe a bha donn no a bha air a dhath gorm le guirmean Innseanach.
Dh’fhàs am breacan na b’ fhasanta leis mar a choisinn saighdearan Gàidhealach (air an èideadh an ‘tartan’) deagh chliù ann an arm Bhreatainn air feadh an t-saoghail.
Chaidh cur ris an ìomhaigh sin ann an linn na Banrigh Bhictoria.
Luchdachaidhean a-nuas
![08690074 Highland kilt](https://b2204768.smushcdn.com/2204768/wp-content/uploads/2021/03/08690074.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)