An t-Aonadh ri Sasainn
Aonadh nan Crùn
Suas gu tràth san t-17mh linn bha Sasainn agus Alba nan dà rìoghachd air leth.
Thàinig atharrachadh ann an 1603 nuair a chaochail Banrigh Ealasaid Shasainn.
Cha robh i pòsta agus cha robh clann aice a thigeadh às a dèidh; dh’iarrr Pàrlamaid Shasainn air a co-ogha, Seumas VI, Rìgh na h-Alba, a bhith na Rìgh air Sasainn.
Mar sin, b’ e a-nis Seumas VI agus I a bh’ air. Bha an aon rìgh a-nis aig Alba agus Sasainn.
Canaidh sinn Aonadh nan Crùn ris a seo.
Cha robh Seumas riaraichte le bhith na Rìgh na h-Alba agus na Rìgh Shasainn.
Bha e airson an dà rìoghachd a thoirt còmhla agus aon dùthaich mhòr aonaichte a dhèanamh.
Sa Chèitean 1603, dìreach seachdainean an dèidh dha Lunnainn a ruighinn, chuir e a-mach glaodhach gun deigheadh Sasainn agus Alba aonachadh.
San Dàmhair 1604, ghairm Seumas VI agus I gum b’ e Rìgh Bhreatainn a bhiodh air a-nis agus nach biodh ainm a’ dèanamh sgaradh eadar Sasainn agus Alba.
San aon bhliadhna chaidh coimisean de Bhall Pharlamaid Albannach agus Shasannach a chur air bhonn a bheachdachadh air aonachadh.
Ged a bha fios aig Seumas gun toireadh e ùine laghannan, pàrlamaidean agus eaconamaidhean an dà dhùthaich aonachadh, cha d’ fhuair am beachd aige fàilte mhòr ann an Westminster.
Dh’aontaich na coimiseanairean, a bha a’ deasbad an aonachaidh aig Westminster eadar an t-Samhain 1606 agus an t-Iuchar 1607, gun cuireadh iad às do na laghannan a bha nàimhdeil do na h-Albannaich, ach cha b’ urrainn dhaibh tighinn gu aonta air an aonachadh.
Ghabh Seumas ris nach deach leis anns a’ chùis seo, ach cha tug e maitheanas riamh do Phàrlamaid Shasainn airson a dhol an aghaidh na bha san amharc aige – aon rìoghachd Bhreatannach fo aon chrùn.
Dh’fheumadh e a bhith riaraichte le athleasachadh agus gnìomhan samhlachail.
Ann an 1606 dh’iarr Seumas gum biodh bratach Bhreatannach air a dèanamh san robh croisean Naomh Sheòrais agus Naomh Anndra còmhla.
B’ e chaidh a dhèanamh Bratach an Aonaidh, an Union Jack – tha beachd ann gur e Jack giorrachadh air Jacobus, riochd Laidinn air Seumas.
’S e 1604 an deit a th’ air na beachdan seo airson brataichean Alba agus Shasainn a chur còmhla.
Tha iad a’ sealltainn cho tràth ’s a bha cuid a’ smaoineachadh air aonadh eadar an dà dhùthaich.