Skip to content

Coimhearsnachd

An làmh a bheir, ’s i a gheibh …

Fàilte do Choimhearsnachd Ceumannan! — Banca de stuthan teagaisg do luchd-ionnsachaidh.

Tha na stuthan uile air an cruthachadh le tidsearan agus tha thu fhèin di-beathte obair a chur ris an stòras seo no a chleachdadh.

’S e obair thrang a th’ ann an teagasg.  Tha seo gu h-àraidh fìor mu theagasg na Gàidhlig.  Ged nach eil a’ choimhearsnachd de thidsearan Gàidhlig ach beag, ma dh’obraicheas sinn còmhla, faodaidh i a bhith na taic mhòr dhuinn uile.

A’ luchdachadh a-nuas

Gann de dh’ùine? Feumach air stuthan teagaisg ùra? Seo an t-àite dhut!
Thoir sùil anns a’ Choimhearsnachd agus luchdaich a-nuas goireasan sam bith.  Nuair a gheibh thu goireas, ’s ann leat fhèin a bhios e agus faodaidh tu atharrachadh mar a thogras tu airson feumalachdan a’ chlas agad fhèin.

Siuthad! Cò aig a bheil an tìde a bhith ag ath-chruthachadh na cuibhle?

A’ luchdachadh suas

Dè na pìosan-obrach agad fhèin a tha a’ còrdadh riut a bhith a’ cleachdadh?  Nach biodh e math cothrom a thoirt do thidsearan agus sgoilearan eile feum fhaighinn asda cuideachd?  Siuthad ma tha! Na bi diùid!  Cuir faidhle don Choimhearsnachd agus dèan latha chuideigin eile nas fheàrr!

Ionnsaicheamaid còmhla agus bho a chèile agus sàbhaileamaid tìde phrìseil

No thanks! We are too busy!
Amazon £30

Duais ri fhaotainn!

A h-uile teirm, bidh eàrlas £30 ann airson aon neach a tha air obair a chur a-steach dhan Choimhearsnachd.

Ionnsaicheamaid còmhla agus bho a chèile agus sàbhaileamaid tìde phrìseil

Ceitidh-CampbellA’ Co-roinn Fhaidhlichean / File sharing

San earrainn gu h-ìosal tha sgrìobhainnean a chaidh a luchdachadh suas le tidsearan a tha a’ cleachdadh Cùrsa Ceumannan do Luchd-ionnsachaidh. Cliog air na pasgain airson cothrom air na faidhlichean.

The section below contains documents which have been uploaded by teachers who are using the Ceumannan Learner’s Course. Please click on the folders to access the files.

Ceumannan 1-5 +

San earrainn gu h-ìosal tha na faidhlichean gu lèir bho shreath leabhraichean Ceumannan, agus nam measg tha PDFs, faidhlichean-fuaim agus dealbhan. Tha na faidhlichean zip gu math mòr agus bheir e greis, ‘s dòcha, an luchdachadh a-nuas. 

The section below contains all the files from the Ceumannan book series including PDFs, audio and images. The zip files are large so may take some time to download.

Teacher standing with laptop