Oisean an Tidseir
Fàilte gu Ceumannan 4!
Fàilte gu Ceumannan 4 – an ceathramh leabhar ann an cùrsa do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil.
Tha prìomh amasan a’ chùrsa seo mar a bha anns na trì leabhraichean roimhe – sgilean Gàidhlig nan sgoilearan a thoirt air aDhàrt ann an dòigh far a bheil an obair tlachdmhor, tarraingeach agus feumail Dhàibh.
Thathar an dùil gum bi sgoilearan nas deònaiche cumail orra le Gàidhlig gus an ruigear fileantachd sa chànan agus gun tuigear gu bheil feum air a’ Ghàidhlig airson conaltradh a dhèanamh ann an diofar shuidheachaidhean taobh a-muigh na sgoile – aig an obair, san dachaigh agus ann an conaltradh pearsanta san fharsaingeachd.
Tha cruth a’ chùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais agus Ìre Nàiseanta 5.