Modal 1 Aonad 2
Anns an Sgoil
Give opinions and make comparisions about some school subjects. Talk about the location of things. Say what you intend to do. Say whether or not you understand something.
Listening extracts for Aonad 1
Dh’fhosgail Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ bhliadhna 2000 ann an Àrd-sgoil a’ Phluic. Bidh sgoilearan bho air feadh na h-Alba a’ dol Dhàn sgoil. Tha iad uabhasach tàlantach ann an ceòl traidiseanta agus seinn.
Bidh mu thrì cheud sgoilear a’ dol gu Àrd-sgoil a’ Phluic agus tha mu fhichead ’s a trì dhiubh sin anns an sgoil chiùil cuideachd.
Tidseirean
Bidh na Tidseirean a’ tighinn Dhàn sgoil bho air feadh na h-Alba. ’S e seinneadairean agus cluicheadairean proifeiseanta a th’ annta agus tha iad uile gu math ainmeil.
Clasaichean
Feumaidh na sgoilearan ciùil a dhol gu clasaichean bhaisteach a h-uile latha, ach bidh iad cuideachd a’ faighinn deich uairean a thìde de chlasaichean ciùil a h-uile seachdain.
Cuideachd, feumaidh iad a bhith ag obair air an ionnsramaid/an t-seinn aca airson dà uair a thìde a h-uile h-oidhche. Tha iad uabhasach trang!
Tòrr spòrs!
Às dèidh na sgoile, agus air an deireadh-sheachdain, bidh na sgoilearan a’ cluich agus a’ seinn aig consairtean agus cèilidhean agus, a h-uile bliadhna, bidh iad a’ falbh air turas-ciùil còmhla timcheall Alba. Gach bliadhna bidh na sgoilearan ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a’ dèanamh clàr. Seo cuid de na clàran a rinn iad. Tha ainmean inntinneach orra!
- First Class
- Aye Spy
- Three Cheese and a Teaburger
- Now That’s What I Ceòl Music
- Enjoy The Ride
- May The 4th Be With You
- Duck!
- We’re A Case The Bunch Of Us
- Caution – Children Playing
Cò bhios a’ dol Dhàn sgoil seo?
Ma tha thu ag iarraidh a dhol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd:
Feumaidh tu…
• a bhith a’ fuireach ann an Alba.
• a bhith fìor mhath air ceòl traidiseanta no seinn.
• sealltainn cho math ’s a tha thu air cluich/seinn.
Gach bliadhna, bidh tòrr goilearan a’ cur a-steach airson Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd,
ach chan eil e furasta faighinn a-steach.
Uaireannan bidh sgoilearan a’ tòiseachadh ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd air a’ chiad bhliadhna, ach bidh tòrr dìreach a’ tighinn air a’ chòigeamh agus an t-siathamh bliadhna.
Bidh na sgoilearan a’ fuireach ann an ostail na sgoile.
Faodaidh iad a dhol Dhàchaigh air an
deireadh-sheachdain, ach uaireannan bidh iad ro thrang le consairtean agus cèilidhean!
A bheil ùidh agad anns an sgoil seo?
Ma tha ùidh agad fhèin anns an sgoil seo, gheibh thu fiosrachadh agus foirm-iarrtais air an eadar-lìon air: www.musicplockton.org
Here is a wee video clip showing the young musicians at Plockton…Tàlantach!