Skip to content
Ceumannan > Leabhar 4 > C4 – Oisean an sgoilear

Oisean an Sgoileir

Fàilte gu Ceumannan 4!

Fàilte gu Ceumannan 4 – an ceathramh leabhar ann an cùrsa do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil.

Tha prìomh amasan a’ chùrsa seo mar a bha anns na trì leabhraichean roimhe – sgilean Gàidhlig a thoirt air aDhàrt ann an dòigh far a bheil an obair tlachdmhor, tarraingeach agus feumail.

Thathar an dùil gum bi sibh nas deònaiche cumail orra le Gàidhlig gus an ruigear fileantachd sa chànan agus gun tuigear gu bheil feum air a’ Ghàidhlig airson conaltradh a dhèanamh ann an diofar shuidheachaidhean taobh a-muigh na sgoile – aig an obair, san dachaigh agus ann an conaltradh pearsanta san fharsaingeachd.

Tha cruth a’ chùrsa stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais agus Ìre Nàiseanta 5.

Tha ceithir modalan ann an Ceumannan 4, air am briseadh sìos nan aonadan.

Tha naoi aonadan san leabhar uile gu lèir agus tha ceangal eadar na h-aonadan a th’ anns gach modal.

Caption: Tha mi tuigsinn!
Picture of paperclips

Have you understood all that? Are you ready to go? Right ma tha, head for the modalan pages!