Modal 3 Aonad 1
Latha sa bhaile
Comparing things and giving opinions. Dealing with money. Activities
Listening extracts for Aonad 1
Cultar
Ri Aghaidh na Creig
le Maoilios Caimbeul (bho Eadar Dà Sgeul, Stòrlann)
Dhùin Mìcheal doras a’ BhMW le brag. Choimhead e air airson tiotan le sùil choibhneil, ghràDhàch. Am peanta dubh, faileasach; na loidhnichean rèidh, clasaigeach. Bha e fortanach gu dearbh gun robh leithid de chàr aige, agus gun robh obair cho math aige mar mhanaidsear oifis ann an Glaschu a leigeadh Dhà leithid de chàr a cheannach. Saoil ciamar a bha a sheann charaid Seòras agus a bhean bhrèagha Anna? Thug e sùil mun cuairt. Bha Seòras na chroitear ged a bha e cuideachd ag obair anns a’ Chuan a Tuath anns na raointean-ola. Bha e air taigh brèagha ùr a thogail. Ri taobh an taighe thug Mìcheal an aire Dhà Volvo gorm.
Fhreagair Anna an doras. “Mhìcheil!” Bha gàirdeachas na sùilean agus thilg i a làmhan timcheall air amhaich. “Dè tha thusa a’ dèanamh san dùthaich?” Choimhead e oirre. Bha i cho brèagha ’s a bha i riamh le a falt bàn agus a sùilean tais gorm. Bha e follaiseach gun robh i cuideachd cho càirdeil ’s a bha i riamh.
“Tha mi dìreach a-bhos airson latha no dhà. Thàinig mi a choimhead air mo sheann charaidean. A bheil Seòras a-staigh?” Dìreach mar a thuirt e na facail nochd e ann an doras an t-seòmair-suidhe. Duine fèitheach làidir, gun a bhith ro mhòr. Thàinig e agus thabhainn e a làmh do Mhìcheal. “Uill, uill, h-abair srainnsear. Cha robh dùil sam bith agam riutsa. Ach tha e math d’ fhaicinn. Thig a-staigh, thig a-staigh.”
Chaidh Mìcheal a-staigh. Cha b’ urrainn Dhà gun an aire a thoirt Dhàn t-seòmar-suidhe brèagha – an suite beairteach uaine, na cùirtearan tiugha, uaine cuideachd, agus am brat-ùrlair. A h-uile nì a’ co-fhreagradh, an dà chuid dathan is stoidhle. Seòras, duine fortanach gun teagamh sam bith. Agus a bhean, Anna an fhuilt bhàin, bha ise cuideachd a’ co-fhreagradh. BMW nam boireannach, loidhnichean clasaigeach. Agus bha i cho gasta, còir. Ro chòir, ’s dòcha. “Uill, uill, cia mheud bliadhna a th’ ann on a bha thu seo?” arsa Seòras. “Tha mi creidsinn gu bheil trì.” “Cha robh sibh pòsta an uair sin.” “Cha robh,” dh’aontaich Seòras, “ged a bha sinn air gealladh-pòsaidh a thoirt seachad.” “Tha sin ceart,” arsa Mìcheal. Bha a làmh air gàirdean an t-sòfa a’ faireachdainn an aodaich bhrèagha mheileabhaid. Chuimhnich e air an trup mu dheireadh a bha e a’ coimhead orra. Bha Seòras air a thoirt air falbh Dhàn ospadal agus chaidh fhàgail-san le cùram airson Anna. Dh’fhàs aodann dearg a’ cuimhneachadh air. Dh’aithnicheadh e fhèin agus Seòras Anna on a bha iad òg san sgoil. Bha gaol aig an dithis aca oirre ach ’s e Seòras a roghnaich i aig a’ cheann thall. Ach an uair ud, nuair a bha Seòras anns an ospadal, bha e air peacachadh na aghaidh. Cha robh a chogais riamh air leigeil leis. A-nis bha e air tighinn air ais a dh’iarraidh mathanas air a sheann charaid. Bha Seòras na sheasamh agus a dhruim ris an teine, a làmhan paisgte air a chùlaibh. Bha Anna na suidhe anns an t-sèithear ri thaobh, agus i a’ fuaigheal. Dh’fhairich Mìcheal an dlùths a bha eadar an dithis. Mar gum biodh fios aca air smaointean a chèile. Faireachdainn bhlàth, chofhurtail. Bha e math a bhith ann. Ach bha rudeigin ann mu dheidhinn Sheòrais… An robh e cho càirdeil ris ’s a b’ àbhaist Dhà a bhith? Chuir e a’ cheist às a cheann.
Dh’èirich Anna… “Bheil cuimhn’ agad nuair a bhiodh sinn a’ sreap?” arsa Seòras. “Am bi thu ris fhathast?” “’S mi a bhitheas. Uill, bithidh nuair a gheibh mi an cothrom, ’s chan eil sin Trìc.” “Dè mu dheidhinn a-màireach?” “A-màireach!” “Nach bi thu seo?” “Bithidh, ach … chan eil an stuth agam leam.” “Na biodh dragh ort mu sin. Size ten nach e?” Chaidh Seòras a-mach às an rùm agus thàinig e air ais le brògan brèagha ùra. FeaDhàinn aotrom airson sreap-chreagan. “Seo. Feuch iad sin ort.” Ghabh Mìcheal na brògan agus dh’fheuch e iad. Bha iad dìreach ceart Dhà. ’S e brògan math sreap a bh’ annta. Chaidh Seòras a-mach a-rithist agus thàinig e air ais le anarag, stocainnean tiugha agus briogais. Bha iad uile ùr. “’S toigh leam fear spèar dhen a h-uile càil a bhith agam,” thuirt Seòras le gàire.
“Tha thu cho còir ’s a bha thu riamh,” arsa Mìcheal. “Cha robh dùil sam bith agam ri seo.” Thàinig Anna a-staigh le teatha. Bha iad a’ crac airson greis mu na seann làithean, mar a bhiodh iad a’ falbh còmhla airson oidhcheannan a’ sreap anns a’ Chuiltheann agus an Earra-Ghàidheal. Bha an Trìùir aca math air sreap. An toiseach bhiodh iad dìreach a’ gabhail a’ cheum a b’ fhasa chun a’ mhullaich, ach dh’fhàs iad sgìth dhe sin agus thòisich iad a’ sreap-chreagan – rud a bha fada na bu chunnartaiche. Mar bu Trìce, ’s e Seòras a dheigheadh air thoiseach leis an ròpa agus na geinnean, na pitons, agus leanadh Mìcheal agus Anna suas e. “Càite ma-thà a-màireach?” arsa Mìcheal agus e a’ dèanamh deiseil airson falbh. “Bodach an Stòrr,” arsa Seòras. Rinn Anna gàire. “Bodach an Stòrr! A’ spòrs a tha thu! Cò riamh a shreap Bodach an Stòrr?” “Sin dìreach carson a dh’fheumas sinn a shreap. Cha do shreap duine eile e cho fad ’s is fhios dhomh.”
Cha b’ urrainn do Mhìcheal diùltadh. Bha inntinn Sheòrais air a dèanamh suas. Dh’aontaich iad gun coinnicheadh iad tràth anns a’ mhadainn aig an Stòrr. Mar a bha Mìcheal a’ dol chun a’ chàir chuimhnich e air Anna agus chuimhnich e cuideachd nach d’ fhuair e cothrom bruidhinn ri Seòras mun nì a bha dèanamh dragh Dhà. ’S dòcha nach robh còir aige guth a ràdh as dèidh a h-uile càil. Nach robh an dithis aca cho càirdeil ris ’s a bha iad riamh? O uill, chitheadh e a-màireach.
Anns a’ mhadainn, b’ e Mìcheal a bh’ aig an Stòrr an toiseach. Bha e na shuidhe air bruaich ag ithe ceapaire agus e a’ smaoineachadh air Anna. Cha robh e air norrag cadail fhaighinn a’ smaoineachadh oirre. Bha e a’ dèanamh dragh Dhà gun robh e cho lag. Cha robh e idir a’ faireachdainn coltach ri sreap ach bha fhios aige gu feumadh e. Thàinig Seòras. Bha e leis fhèin anns a’ chàr. Chuir seo iongnadh air. Ach ann an seagh bha e a cheart cho toilichte. Cha bhiodh a cruth àlainn ga bhuaireadh agus gheibheadh e cothrom bruidhinn ri Seòras. Thuirt esan, “Cha robh Anna a’ faireachdainn ro mhath. Cha b’ urrainn dhi tighinn. Chan e càil uabhasach a th’ ann, dìreach fuachd.”
Thòisich iad a’ coiseachd suas gu Bodach an Stòrr. Bha Seòras cho bruidhneach ’s a chunnaic e riamh e. Bha seo ga shàrachadh. Carson nach sguireadh e a bhruidhinn? Ma bha e a’ dol a dh’iarraidh mathanas air, dh’fheumadh sàmhchair a bhith ann. Bha e gu bhith doirbh na briathran fhaighinn a-mach. Bha e do-dhèanta agus teanga a charaid a’ dol gun sgur. Thàinig iad gu bonn na creige. “Cò againn a tha a’ dol air thoiseach?” dh’fhaignich Seòras. Rinn Mìcheal gàire. “Tha fhios agad cò bhios a’ dol air thoiseach. Bha aon duine an-còmhnaidh a’ dol air thoiseach. Thusa.” “Ceart ma-thà.” Fhuair Seòras an ròpa deiseil. Chuir e crios mu mheaDhàn agus mu bhoDhàig agus thug e fear Dhà Mìcheal. Bha geinnean agus làmhan-sreap aige agus Karabiners airson an ròpa a cheangal ri crios na ri lùb ròpa. Choimhead Mìcheal suas air a’ chreig ag èirigh àrd os an cionn mar thùr Gòtach. “A bheil thu cinnteach…?” thòisich e. Ach stad e. Bha Seòras a’ coimhead cho cinnteach às fhèin, cho suidhichte na bheachd. Bha e air fàs sàmhach, ga ullachadh fhèin airson an t-sreap. Cha robh e idir mar bu chuimhne le Mìcheal e. B’ àbhaist Dhà a bhith aotrom aighearach nuair a bhiodh iad a’ sreap. Cha robh e a’ còrdadh ris gun robh e cho sàmhach. Thàinig ìomhaigh Anna fa chomhair inntinn. Dh’fheuch e ri dubhadh às. Ach chan fhalbhadh i. Thuirt e ris fhèin nach iarradh e mathanas an-dràsta co-dhiù. Bhiodh tìde gu leòr ann airson sin mus tilleadh e a Ghlaschu. Thòisich Seòras a’ dol suas. Bha an ròpa a’ slaodadh ris sìos gu far an robh Mìcheal. “Thoir an aire ort fhèin,” dh’èigh e suas thuige. Ach cha tuirt Seòras guth. Bha aire air a’ chreig. ’S e sreapadair math a bh’ ann. Cha robh teagamh sam bith air sin. Bha e mar Dhàmhan-allaidh, cho cinnteach. Thòisich Mìcheal ga leantainn. Bha e toilichte gun robh ròpa aige. ’S e amadain a bhiodh annta co-dhiù a dhol gun ròpa. Stad Seòras air sgeilp os a chionn. Cha b’ fhada gus an do ràinig e faisg air far an robh e.
“Dè tha ceàrr?” arsa Mìcheal. Cha tuirt Seòras guth. “An e càil a tha ceàrr?” thuirt e a-rithist ann an guth na b’ àirde. Bha e a’ faireachdainn a bhroilleach a’ fàs teann. Cha robh e nàdarrach mar a bha Seòras air a dhol. Aon mhionad mar reacòrdair aig an astar cheàrr, an ath mhionad mar linne-uisge shàmhach, dhubh. “Tha mi ’g iarraidh bruidhinn riut,” arsa Seòras mu dheireadh. “Uill, ’s mi tha toilichte sin a chluinntinn. Carson a stad thu? A bheil thu a’ tilleadh?” “Tha mi ag iarraidh bruidhinn riut,” thuirt Seòras a-rithist. Bha rudeigin na ghuth a chuir gaoir beag tro fheòil Mhìcheil. Choimhead e suas a-rithist. Bha sùilean Sheòrais cruaidh. Na bu chruaidhe na chunnaic e riamh iad. “Thug mi an seo thu airson aon adhbhar. Tha mi a’ dol ga do mharbhadh.” Dh’fhairich Mìcheal a stamag a’ dol neònach. Cha mhòr nach do thuit e. An dàrna cuid bha Seòras air a dhol às a rian no bha fios aige. Bha fios aige gun robh gaol aige air Anna. Bha fios aige dè thachair o chionn trì bliadhna nuair a bha e san ospadal. “Tha thu às do chiall,” thuirt e. “Carson a mharbhadh tu mi?” Thug Seòras sgian às a phòcaid. “Dè tha thu a’ dèanamh?” ghlaodh e. “Tha mi a’ dol ga do mharbhadh. ’S math a tha fios agad carson.” “’Son gu bheil gaol agam air Anna?” “Chan ann,” arsa Seòras agus e a’ fosgladh a sgine, “ach airson an rud a rinn thu nuair a bha mise san ospadal.”
Bha fhios aige. Dh’fhairich Mìcheal dubh eagal airson a’ chiad uair na bheatha. Bha fhios aige gun robh iad co-dhiù air dìreadh dà cheud troigh. Bha e reòthte ris a’ chreig. Nan tuiteadh e, bhiodh e cho marbh ri sgadan. Bha a bheul tioram. “Thàinig mi dh’iarraidh mathanas.” Bha a ghuth neònach. Bha e fhèin ga chluinntinn mar ghuth neònach. Guth fada air falbh. “Mathanas. Nach eil thu beagan fadalach?” thuirt Seòras anns an aon ghuth chruaidh. Bha e os a chionn agus bha a’ ghrian air a chùlaibh. Na shuidhe mar gum biodh e air cathair àrd a’ toirt breith. Mar dhia deàlrach. Dh’fhairich e am fallas a’ sruthadh sìos achlaisean, ga dhiogladh. “Bidh fhios aca,” thuirt e ann an guth teann, “ma ghearras tu an ròpa.”
“Cha bhi ma nì mi mar seo e,” agus thòisich e a’ sgrìobadh an ròpa, fuiltean an dèidh fuiltein, dìreach mar gum biodh a’ chreag air a ghearradh mean air mhean. Bha e na shuidh’ air an sgeilp agus a’ lùbadh sìos. “Cha do rinn mi càil ceàrr,” arsa Mìcheal na èiginn. “Bha gaol agam oirre. Nach toir thu mathanas dhomh?” Bha fhios aige nach robh feum Dhà a bhith bruidhinn. Aon uair ’s gun cuireadh Seòras roimhe rud a dhèanamh cha robh nì air thalamh no an nèamh a dh’atharraicheadh inntinn. Sin an seòrsa duine a bh’ ann. Bha gaol uabhasach, dìorrasach aige air Anna. Bha an ròpa gu bhith briste. Ghreimich e le a dhà làimh air dà sgàineadh chaol. Cha robh mòran grèim aig a chasan. Gun an ròpa cha mhaireadh e ro fhada.
Gun rabhadh thuit e sìos sia òirlich. Le oidhirp eagalach ghreimich e air oir bheag le a dhà làimh. Chuala e an sgiamh a b’ uabhasaiche a’ dol seachad air. Dh’fhairich e tarraing aithghearr air an ròpa a bha mu mheaDhàn. Chuala e fuaim shìos foDhà, boDhàig a’ bualadh creig. Fhuair a chasan grèim a-rithist air na sgàinidhean far an robh iad roimhe. Le oidhirp shònraichte tharraing e e fhèin suas chun na sgeilp far an robh Seòras air a bhith mòmaid roimhe sin. Laigh e air a mhionach air an sgeilp agus choimhead e sìos. Bha Seòras na laighe gun ghluasad aig bonn na creige, agus abhainn fala a’ tòiseachadh a’ tighinn bho bheul. Ghuil e agus ghuil e mar gum b’ e leanabh beag a bh’ ann, mar gum biodh a mhionach a’ tighinn a-mach air a bheul.
Sreap-chreagan
Tha sreap-chreagan na chur-seachad cumanta air a’ Ghàidhealtachd.
Bidh luchd-turais a’ tighinn don Ghàidhealtachd air saor-laithean a h-uile bliadhna airson sreap nam beann agus airson sreap-chreagan.
Bidh an t-Eilean Sgitheanach an-còmhnaidh trang le luchd-sreap. Tha tòrr àitichean math ann airson sreap agus coiseachd-monaidh.
Ach, ged a chì thu seallaidhean eireachdail, tha feaDhàinn dhiubh a tha uabhasach doirbh agus cunnartach a shreap.
A bheil fhios agad càit a bheil An Cuiltheann agus Bodach an Stòrr?
Tha thu ceart. Tha An Cuiltheann agus Bodach an Stòrr anns an Eilean Sgitheanach.
Tha tubaistean cumanta anns na beanntan agus bidh luchd-teasargainn nam beann an-còmhnaidh trang as t-samhradh anns an Eilean Sgitheanach agus air feadh Alba.