
Cothrom-trèanaidh do sgrìobhadairean...

24 Giblean 2009
An aithne dhut duine aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh mar obair phàirt no làn-ùine, no a bheil agad fhèin? Tha Stòrlann a’ ruith cùrsa do sgrìobhadairean anns an Taigh-òsta ainmeil The Cèilidh Place an Ulapul air 14 - 18 Sultain, air prìs fhàbharach de £50 do luchd com-pàirt (a' gabhail a-staigh àite-fuirich is biadh). Cha leig sibh a leas ach CV agus litir a chur thugainn ag innse dhuinn carson a tha ùidh agad sa chùrsa, agus beachd airson sgeulachd ghoirid do dheugairean. Iarraidh sinn air an fheadhainn a ghabhas pàirt bhith ag obair air sgeulachd ghoirid stèidhichte air a’ chiad bheachd seo tron t-seachdain, le taic bhon luchd-treòrachaidh, agus clò-bhuailidh sinn na sgeulachdan ann an cruinneachadh ùr ann an 2010.
Tuilleadh fiosrachaidh bho seachdainsgriobhaidh@storlann.co.uk