
Fuaimean fonaig Ghàidhlig - litrichean magnaiteach
19 Samhain 2008
Tha goireas ùr dìreach air nochdadh bhon Stòrlann, sin litrichean magnaiteach de na fuaimean fonaig Ghàidhlig.
Chaidh an goireas seo a dhèanamh às dèidh iarrtas bho thidsearan airson stuthan taic a bheireadh cuideachadh don chloinn le litreachadh Gàidhlig. Anns gach seata tha 90 diofar magnait a’ gabhail a-steach fuaimreagan le sràcan. Bheir iad cothrom don chloinn air faclan a bhristeadh sìos don na fuaimean fa-leth aon uair ’s gu bheil na fuaimean aca
Tha na litrichean air an dèanamh à cop rubair, purpaidh. Tha iad ceangailte mar a bhiodh iad ann a’ làmh-sgrìobhaidh àbhaisteach ’s tha sinn an dòchas gum bi seo na thaic ionnsachaidh le leasachadh sgrìobhadh do chlann air a bheil sin a dhìth.
Bhiodh e math ur beachdan a chluinntinn air na stuthan seo agus gu dearbh ma tha beachd sam bith eile agaibh air stuthan a bhiodh feumail leigibh brath thugainn.