
Seachdain Sgrìobhaidh Ullapuil
15 An Dàmhair 2009
Thàinig dusan sgrìobhaiche, eadar stèidhte agus ùr, còmhla ri Stòrlann sa Chèilidh Place ann an Ullapul bho 14 gu 18 Sultain airson togail air an sgilean gus gum biodh iad air chomas sgrìobhadh do Stòrlann agus do bhuidhnean eile san àm ri teachd.
Am measg nan oidean bha am bàrd, Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail, Des Dillon, sgrìobhaiche dhealbhan-cluiche is nobhailean, an t-eadar-theangair litreachais, Derrick McClure, an sgrìobhaiche òrain, Karine Polwart, an sgrìobhaiche chloinne, John Fardell agus eòlaichean air sgrìobhadh foghlaim is sgrìobhadh ùr, Philippa Cochrane agus Caitrin Armstrong bho Urras leabhraichean na h-Alba. B’ e prògram na seachdain:
Seisean |
Madainn |
Feasgar |
An fhionnairidh |
Diluain |
Bun phrionnsapalan: rosg |
Bun phrionnsapalan: bàrdachd |
Àm oideachaidh |
Dimàirt |
A’ togail air modhan traidiseanta ann am bàrdachd is òrain |
A’ sgrìobhadh a rèir, agus airson, fonn |
Àm oideachaidh |
Diciadain |
Mòr-shealladh: obrachadh is leasachadh proifeiseanta |
Àm sgrìobhaidh |
Àm oideachaidh |
Diardaoin |
A’ sgrìobhadh do chlann is do dh’òigridh |
A’ sgrìobhadh do chlann is do dh’òigridh le dealbhan na lùib |
Àm oideachaidh |
Dihaoine |
Ceistean sònraichte do sgrìobhaichean ann am mion-chànan |
Cruinn-còmhla agus leughaidhean |
- |
Sna bùthan-obrach, bha daoine a’ dèanamh obair a rèir ’s na chaidh ionnsachadh agus, nuair a sgaoil sinn, bha pìosan obrach aig daoine air an cuir iad crìoch agus, a chuireas iad gu Stòrlann airson am foillseachadh ann an cruinneachadh ùr de dh’fhicsean goirid.
B’ e an fheallsanachd airson na seachdain gu bheil tòrr ann am prògram foillseachaidh Stòrlann, a thaobh ficsean do sgoiltean, aig gach ìre. Ann an ceisteachan nàiseanta o chionn ghoirid, leig còrr is 750 sgoilear sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, fios gu Stòrlann nach robh iad riaraichte le raon, farsaingeachd no càileachd ficsein bho Stòrlann no bho fhoillsichearan eile sa Ghàidhlig. Tha seo a’ daingneachadh an fhiosrachaidh a fhuaradh air ais bho luchd-teagaisg agus bho luchd-comhairleachaidh. Mar sin, chaidh co-dhùnadh aig coinneamh de Luchd-comhairleachaidh na Goireasan, gum bu chòir cosg air luchd-sgrìobhaidh is eile a thrèanadh.
Diciadain san t-seachdain seo, chùm Stòrlann cuideachd seiminear às leth Buidheann-stiùiridh Ro-innleachd Nàiseanta Foghlam Gàidhlig airson Ghoireasan, Eadar-theangachadh is Briathrachas.