Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Ceumannan Montage


Ceumannan a’ tighinn beò ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus
Àrd-sgoil a’ Phluic

02 An Dùbhlachd 2009

O chionn mìos no dhà, chuir Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig farpais air bhog gus fàilte a chur air Ceumannan ­– cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean.  Bha aig sgoilearan ri bhidiothan beaga a dhèanamh far an robh iad a’ gabhail pàirt ann an cuid de na h-òrain, raps no dealbhan-cluiche às a’ chùrsa ùr.  Bha cead aca cuideachd òran no pìos dràma a chruthachadh às ùr.

Image: Ceumannan PrizewinnerBha Stòrlann air leth toilichte leis na filmichean a nochd ach nuair a thàinig an t-àm airson smaoineachadh air cò bha airidh air duais,  cha b’ urrainn dhuinn sgaradh a dhèanamh eadar Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Àrd-sgoil a’ Phluic.  Bha na sgoilearan às an dà sgoil air fìor dheagh oidhirp a dhèanamh agus thug iad gàire air a h-uile duine le spòrs, deagh chleasachd agus Gàidhlig ghlan, shiùbhlach. 

Thadhail sgioba Cheumannan à Stòrlann air Sgoil Phort Rìgh agus Sgoil a’ Phluic o chionn ghoirid airson duaisean agus taing a thoirt seachad.  Thàinig fear-naidheachd à BBC Alba a Sgoil Phort Rìgh cuideachd agus nochd aithris mu na duaisean agus mun chùrsa ùr air Aithris na Maidne air Radio nan Gàidheal agus air a’ phrògram naidheachd An Là air an TBh.

Thug Emma Christie, sgrìobhaiche Cheumannan, seachad na duaisean agus bha na sgoilearan uile air an dòigh le camarathan bhidio gu math grinn agus trealaich eile. Gheall iad gun dèanadh iad tuilleadh fhilmichean a nochdas air làrach Cheumannan agus air YouTube.  Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr riutha, agus ri filmichean à sgoiltean eile cuideachd. 

Bhiodh e math sùil a thoirt air Ceumannan ag obrachadh ann an diofar dhòighean le diofar sgoilearan air feadh na dùthcha. Bu mhath le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig taing a thoirt do na sgoiltean, na sgoilearan agus na tidsearan a ghabh pàirt san fharpais agus feuch gun cùm sibh cluas ri claisneachd airson farpais eile latha de na làithean.

 

www.flickr.com
storlann's Ceumannan - Prizewinners - Plockton HS photoset storlann's Ceumannan - Prizewinners - Plockton HS photoset
www.flickr.com
storlann's Ceumannan - Prizewinners - Portree HS photoset storlann's Ceumannan - Prizewinners - Portree HS photoset
Graphic: FF correction