Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book

Luchd-obrach

Na h-oifisean

Tha prìomh oifis Stòrlann aig An Tosgan ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, far a bheil an Ceannard, an sgioba rianachd, Oifgear Phròiseactan agus An Seotal air fad stèidhichte. Tha luchd-obrach eile ann an Inbhir Nis, Port Rìgh, Ceann Rois agus Beinn na Faoghla.

Graphic : Layout Device
Graphic : Map of Scotland showing Stòrlann offices Leòdhas Beinn a' Bhaoghla An t-Eilean Sgitheanach Inbhir Nis Ceann Rois Glaschu
Graphic : Beinn na Faoghla

Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, Ceannard

’S ann an urra ri Dòmhnall a tha siostaman Stòrlann san fharsaingeachd mar Cheannard agus Rùnaire a’ Chompanaidh Earranta.

Tha còrr air trichead bliadhna de dh’eòlas air obair leasachaidh ann an raointean ealain, foghlaim agus cànain aig Dòmhnall.

Buinidh e do Nis ann an Leòdhas agus bha e ag obair aig Bòrd na Gàidhlig fad ochd bliadhna, a’ stiùireadh leasachadh agus a’ dèiligeadh ri planaichean Gàidhlig nam buidhnean poblach.


Dòmhnall Iain MacRisnidh, Ceannard Phròiseactan

Tha Dòmhnall Iain a’ stiùireadh tòrr phròiseactan bun-sgoile, nam measg goireasan fonaigs, GLPS, agus goireasan airson clàr-geal leithid Taigh Lachaidh agus Kar2ouche.

Thàinig Dòmhnall Iain gu Stòrlann bho BBC Craoladh nan Gàidheal an Glaschu far an robh e ag obair air prògraman chloinne.

An dèidh ùrachadh air structar na buidhne, chaidh Dòmhnall Iain ainmeachadh mar Stiùiriche Phròiseactan.

Anns an dreuchd ùir seo, tha sùil fharsaing air na pròiseactan anns a’ phrògram bhliadhnail agus, còmhla ris an Ceannard Seirbheisean Leasachaidh, a bhith a’ cumail taic ris a’ Cheannard agus ga riochdachadh aig amannan.


Mairead NicIlleathain, Manaidsear Oifis

Tha Margaret a’ stiùireadh shiostaman rianachd Stòrlann agus ’s ann thuice bu chòir ceistean agus iarrtasan a dhol sa chiad dol a-mach. Thàinig Margaret gu Stòrlann bho Chomhairle nan Eilean Siar.


Kristy Nic a' Ghobhainn, Neach-rianachd Phròiseactan/Neach-dealbhachaidh

Tha Kristy na Neach-rianachd Phròiseactan agus bidh i a' cuideachadh san oifis cuideachd. Bhon a tha teisteanas aice ann an obair-dealbhaidh, bidh i an sàs ann an dealbhadh, dreachdadh agus dèanamh ghoireasan. Bha i ag obair roimhe aig Comunn Eachdraidh Nis agus aig Loganair.


Criosaidh NicRath, ‘An Seotal’

Tha Criosaidh a’ co-òrdanachadh obair air làrach-lìn ‘An Seotal’ agus gabhaidh i beachdan air a’ phròiseact agus ceistean no iarrtasan a thaobh briathrachais a chur thuice tro làrach a’ phròiseict fhèin.

Tha Criosaidh air a bhith an sàs ann an leasachadh cànain airson grunn bhliadhnaichean agus thàinig i gu Stòrlann bho Bhòrd na Gàidhlig far an robh i na h-Oifigear Phlanaichean.


Mòrag NicIlleathain, Eadar-theangair

Tha Mòrag ag eadar-theangachadh leabhraichean is goireasan eile air prògram-foillseachaidh Stòrlann.

Tha e mar phrìomh amas aig Stòrlann taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh tro chànan soilleir, beartach agus tha Mòrag a' cumail sùil gheur air ceistean stoidhle is ìre.

Mus tàinig i gu Stòrlann bha i ag obair mar eadar-theangair air a ceann fhèin agus bha i cuideachd an sàs ann an lìbhrigeadh na h-iomairt GLPS ann an sgoiltean Chomhairle nan Eilean Siar.


Jamie MacIllEathain, Neach-taic Rianachd

Tha uallach air Jamie airson rianachd san oifis agus sgaoileadh ghoireasan a bharrachd air mòran de ghnìomhan eile. O chionn ghoirid chuir e crìoch air ceum Gàidhlig aig OGE.   


Graphic : Beinn na Faoghla

Sarah NicEachainn, Oifigear Phròiseactan

Tha Sarah a’ stiùireadh a’ phròiseict www.gaelic4parents.com agus tha i a’ cur fàilte air beachdan no ceistean sam bith mun làraich.

A thaobh phròiseactan sgoile, tha Sarah a’ dèiligeadh gu sònraichte ri goireasan airson litreachaidh, matamataigs agus tràth ìrean agus ri ficsean bun-sgoile.

Mus tàinig i gu Stòrlann bha Sarah an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus foghlam fad-beatha leis a’ bhuidhinn Clì.


Màiri NicRisnidh, Oifigear Phròiseactan

Tha Mairi ag obair air pròiseact Fileanta agus os cionn nam Fo-dheuchainnean a tha air an deasachadh do thidsearan Gàidhlig gach bliadhna.

Bha i a’teagasg  Beurla agus Gàidhlig ann an Acadamaidh Hazlehead ann an Obar Dheathain fad sia bliadhna, agus an uair sin na h-Oifigear Leasachaidh (Àrd-sgoil) aig Ionnsachadh agus Teagasg Alba airson dà bhliadhna.


Graphic : An t-Eilean Sgitheanach

Niall Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Seirbheisean Leasachaidh

Thàinig Niall gu Stòrlann bho chompanaidh stèidhte san Eilean Sgitheanach, Sitekit, far an robh e an sàs ann an dealbhadh làraich-lìn agus eadar-aghaidhean bathar-bog.

Tha an dreuchd aig Niall a’ còmhdach eadar-theangachadh, dearbhadh deagh-ghnè, dealbhadh, foillseachadh agus ICT.

Còmhla ri  Ceannard nam Pròiseactan, bidh e a’ cumail taic ri Ceannard Stòrlann, cho math ri bhith a’ cumail air le dealbhadh ioma-mheadhan agus leasachadh IT.


Emma Burrows, Sgrìobhadair

Thàinig Emma Burrows gu Stòrlann à Àrd-sgoil Phort Rìgh ann an 2008 far an robh i na tidsear Gàidhlig.

Chaidh a fastadh airson na leabhraichean-teacs Ceumannan a sgrìobhadh – cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil. Tha còig leabhraichean san t-sreath a bheir sgoilearan bho AS1–AS5/6.


Graphic : Inbhir Nis

Catrìona Mhoireach, Oifigear Leasachaidh (Dearbhadh Càileachd)

Thàinig Catrìona gu Stòrlann à Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus tha i a’ toirt taic don sgioba agus do chunnradairean a thaobh cànain, deasachaidh agus stoidhle.

Tha Catrìona a’ cur fàilte air beachdan no ceistean co-cheangailte ri dearbhadh càileachd bho chunnradairean no luchd-teagaisg.


Angela Nic a’ Mhaoilein, Oifigear Leasachaidh (Cruthachadh Ghoireasan Bun-sgoile)

Tha Angela a’ cruthachadh ghoireasan Gàidhlig tarsainn air curraicealam na bun-sgoile.
’S e tidsear bun-sgoile eòlach a th’ ann an Angela a thàinig gu Stòrlann à Comhairle na Gàidhealtachd.


 

Bàrr na duilleig

Graphic : Ceann Rois

Aine Dhruimeanach, Prìomh Neach-dealbhachaidh (clò)

Tha Aine a' dealbhachadh gach cuid nan goireasan ùra Gàidhlig aig Stòrlann agus goireasan air an eadar-theangachadh bho chànanan eile.

Thathar ag amas air sàr-mhathas a thaobh coltas nan goireasan agus thàinig Aine gu Stòrlann bho chompanaidh coimearsalta far an robh a' bhuidheann phoblach nàiseanta Ionnsachadh agus Teagasg Alba am measg nan companaidhean don robh i a' tabhann seirbhis.

Tha i air iomadh duais a bhuannachadh tro a cùrsa-dreuchd airson na h-obrach aice.

Bàrr na duilleig


www.gaelic4parents.com

 

Anne Marie NicEanraig, Neach-taice air-loidhne

Tha Anne Marie a co-obraiche air-loidhne air www.gaelic4parents.com gach ‘oidhche sgoile’ airson ceistean a fhreagairt mu obair-dachaigh Ghàidhlig. Mar thidsear Gàidhlig agus mar phàrant le clann òg, tha Anne Marie gu math eòlach air a leithid!

Bàrr na duilleig

Inge Birnie, Neach-taice air-loidhne

Tha Inge na neach-taic air-loidhne airson www.gaelic4parents.com agus tha i ag obair còmhla ri Anna Màiri a’ toirt taic do phàrantan. Tha i na tidsear agus na pàrant agus tha i air a bhith an sàs ann am foghlam Gàidhlig airson grunn bhliadhnachan. An-dràsta tha i a’ dèanamh PhD aig Oilthigh Obar Dheathain.

Bàrr na duilleig

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction