
Mu Stòrlann
Chaidh Stòrlann a stèidheachadh ann an 1999 le Riaghaltas na h-Alba airson foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan teagaisg do dh’fhoghlam Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Tha Stòrlann na chompanaidh earranta, àireamh SC 190298 agus na bhuidheann charthannais, àireamh SC031521.
Tro phrògraman foillseachaidh Stòrlann tha goireasan gan deasachadh gach bliadhna do sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus foghlam fad-beatha. Tha prìomhachasan gan taghadh le tidsearan agus luchd-ionnsachaidh agus tha stiùir agus taic a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail air feadh Alba tron bhuidheann tar-roinneil MRG agus bho bhuidhnean eile a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh.
Tha corra fhear de ghoireasan Stòrlann rin ceannach leis a’ mhòr-shluagh tro www.gaelicbooks.org agus tha sreath de ghoireasan eadar-ghnìomhach airson theaghlaichean rim faighinn air làrach na buidhne www.gaelic4parents.com, far am faigh teaghlaichean taic cuideachd le obair-dachaigh agus cùisean eile an lùib foghlam Gàidhlig.
Tha àireamh an luchd-obrach aig Stòrlann air a dhol am meud gu mòr thar nan grunn bhliadhnaichean mu dheireadh air sgàth fàs mòr ann an obair na buidhne. Gheibhear liosta an luchd-obrach an seo, le fiosrachadh mu dhleastanasan gach duine.
Seoladh:
An Tosgan,
54 Rathad Shìophoirt,
Steòrnabhagh,
Eilean Leòdhais
HS1 2SD
Fòn: 01851 700880